Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 120
  • Carson a bhàsaich Ìosa?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Carson a bhàsaich Ìosa?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • Stuth Coltach Ris
  • Freagairt a’ Bhìobaill
  • Carson a Bhios Daoine a’ Bàsachadh?
    Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Ciamar a tha Bàs Ìosa gar Sàbhaladh?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
  • Cò Tha Ìosa Crìost?
    Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 120
Ìosa a’ giùlan a chrann-cràidh

Carson a bhàsaich Ìosa?

Freagairt a’ Bhìobaill

Bhàsaich Ìosa airson ‘s gun gheibheadh daoine mathanas on peacaidhean aca agus beatha shìorraidh fhaighinn. (Ròmanaich 6:​23; Ephèsianaich 1:7) Sheall bàs Ìosa gun urrainn daoine fantainn dìleas do Dhia fiù ‘s a’ dh’aindeoin deuchainnean cruaidh.​—Eabhraich 4:​15.

Saoil air ciamar is urrainn am bàs aig aon fhear a bhith cho cudromach.

  1. Bhàsaich Ìosa airson “mathanas nam peacaidhean.”​—Colosianaich 1:​14.

    Chruthaich Dia a’ chiad fhear Àdhamh foirfe, às aonais peacaidh, ach bha Àdhamh eas-umhail ris. Thug an eas-ùmhlachd Àdhaimh buaidh mhòr air a shliochd uile. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn “chaidh mòran a dhèanamh nam peacaich tro eas-ùmhlachd aon duine.”​—Ròmanaich 5:​19.

    Bha Ìosa foirfe cuideachd, ach cha do rinn e peacadh a-riamh. Mar sin, dh’fhaodadh e a bhith na “ìobairt-rèite airson ar peacaidhean.” (1 Eòin 2:2) Dìreach mar a thruaill an eas-ùmhlachd Àdhaimh mac an daoine le peacadh, thug am bàs Ìosa air falbh an smal peacaidh bhon a h-uile duine a chuireas creideamh annsan.

    Reic Àdhamh mac an daoine a-steach dhan peacadh mar gum biodh. Ach le bhith a’ bàsachadh gu deònach air ar son, ath-cheannaich Ìosa mac an daoine dha fhèin. Mar sin, “ma pheacaicheas neach sam bith, tha fear-tagraidh againn còmhla ris an Athar - Ìosa Crìosd, am fìrean.”​—1 Eòin 2:1.

  2. Bhàsaich Ìosa “airson ’s, ge b’ e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.”​—Eòin 3:​16.

    Ged a bha Àdhamh air a chruthachadh gu bhith beò gu shìorraidh, bha bàs am peanas airson a’ pheacaidh aige. Tro Àdhaimh, “thàinig peacadh a-steach dhan t-saoghal tro aon duine, agus bàs tron pheacadh, agus mar sin a sgaoil bàs chun a h-uile duine, a chionn ’s gun do pheacaich na h-uile.”​—Ròmanaich 5:​12.

    Air an làimh eile, thug am bàs Ìosa an smal peacaidh air falbh agus am peanas-bàis airson a h-uile a chuireas creideamh ann. Tha Am Bìoball a’ mìneachadh: “mar a riaghail am peacadh ann am bàs, gum faodadh gràs riaghladh cuideachd tro fhìreantachd chun na beatha shìorraidh tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.”​—Ròmanaich 5:​21.

    Tha fhios againn gu bheil bacadh-tìde air beatha dhaoine an-diugh. Ach tha Dia a’ gealltainn gun toir e beatha mhaireannach do dhaoine agus togaidh e na mairbh gu beatha a-rithist gus am buannaich iad cuideachd bho ìobairt Ìosa.​—Salm 37:29; 1 Corintianaich 15:22.

  3. Dhearbh Ìosa “le bhith a’ fàs umhail gu bàs” gun urrainn duine a bhith dìleas do Dhia a’ dh’aindeoin duilgheadas no deuchainn sam bith.​—Philipianaich 2:8.

    Ged a bha corp is inntinn Àdhaimh foirfe, bha e eas-umhail a’ chionn’s gun do dh’iarr e le fèineachas, rudeigin nach bu chòir dha. (Genesis 2:​16, 17; 3:6) An dèidh seo, thog Sàtan, prìomh nàmhaid Dhè, a’ chasaid nach bitheadh duine sam bith dìleas do Dhia ann an dòigh neo-fhèineil, gu h-àraid nam biodh a bheatha ann an cunnart. (Iob 2:4) Ach, bha am fear foirfe Ìosa umhail ri Dia agus dh’fhan e dìleas dha, a dh’aindeoin bàs nàireil agus piantach. (Eabhraich 7:​26) Shocraich seo a’ chùis gu tur: Is urrainn do dhuine fantainn dìleas do Dhia a dh’aindeoin ge be an duilgheadas no deuchainn a tha e a’ dèiligeadh ris.

Ìosa air a’ chrann-cràidh le meàrlach air gach taobh

Ceistean mu bhàs Ìosa

  • Carson a bha feum ann airson Ìosa a fulang agus a bàsachadh gus daoine ath-cheannach? Carson nach do chuir Dia às a’ bhreith bàis?

    Tha lagh Dhè ag radh “is e tuarastal a’ pheacaidh am bàs.” (Ròmanaich 6:​23) Cha do chùm Dia an lagh seo falaichte bho Àdhamh. Dh’innis e dha gur e bàs am peanas airson eas-ùmhlachd. Nuair a rinn Àdhamh peacadh, chùm Dia, “nach dèan breug” am facal-sa. (Tìtus 1:2) Thug Àdhamh dhan shliochd, chan e peacadh a-mhàin, ach cuideachd tuarastal a’ pheacaidh​—bàs.

    Ged a tha mac an duine peacach agus dleasach air bàs, thug Dia “beairteas a ghràis” dhaibh. (Ephèsianaich 1:7) Bha an tiodhlac aige airson mac an duine ath-cheannachachadh—a’ cur Ìosa mar iobairt foirfe​—anabarrach ceart agus air leth tròcaireach.

  • Cuin a bhàsaich Ìosa?

    Bhàsaich Ìosa air “an naoidheamh uair” bho èiridh na grèine, no trì uairean feasgar air Caisg nan Iùdhach. (Marcas 15:33-​37, bun-nòta) A-rèir clàr-mìosachan san latha an-diugh, tha an ceann-latha seo Dihaoine, 1mh dhen Ghiblean, 33 A.C.

  • Càite an do bhàsaich Ìosa?

    Chaidh Ìosa a chur gu bàs aig “àite ris an canar Àite a’ Chlaiginn (a th’ air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota).” (Eòin 19:17, 18) Bha an làrach seo “air taobh a-muigh a’ gheata” Ierusaleim sna laithean Ìosa. (Eabhraich 13:12) ‘S docha gun robh an t-àite seo air cnoc, oir tha Am Bìoball ag ràdh gum faca cuid am bàs aige “o phìos às.” (Marcas 15:40) Ach chan urrainn dhuinn a bhith buileach cinnteach air far a bheil Golgota an-diugh.

  • Ciamar a bhàsaich Ìosa?

    Ged a tha mòran a’ creidsinn gun deach Ìosa a cheusadh​—a chur gu bàs air crann-ceusaidh​—tha Am Bìoball ag ràdh: “Ghiùlain esan fhèin ar peacaidhean na chorp air a’ chraoibh.” (1 Peadar 2:​24) Chleachd sgrìobhadairean a’ Bhìobaill dà fhacal Greugais airson an inneal a chuir Ìosa gu bàs​—stau·rosʹ agus xy’lon. Tha mòran luchd-eòlaich air tighinn dhan co-dhùnadh gu bheil na faclan seo a’ ciallachadh crann dìreach de aon phìos fiodha.

  • Ciamar am bu chòir dhuinn bàs Ìosa a chomharrachadh?

    Air oidhche Chàisg nan Iùdhach bhliadhnail, stèidhich Ìosa cuimhneachadh simplidh leis an luchd-leantainn aige agus dh’iarr e orra: “dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.” (1 Corintianaich 11:24) Ùine bheag as dèidh seo, bha Ìosa air a chur gu bàs.

    Rinn sgrìobhadairean a’ Bhìobaill comas eadar Ìosa agus an t-uan a bha air ìobradh aig Càisg nan Iùdhach. (1 Corintianaich 5:7) Dìreach mar a chuir Càisg nan Iùdhach cuimhne air na h-Eabhraidheach gun deach iad a shaoradh bho thrùailleachd. Tha Cuimhneachan Bàs Ìosa a’ cur cuimhne air Crìostaidhean gun deach iad a shaoradh bho pheacadh agus bàs. ’S e comharrachadh bliadhnail a bh’ ann an Càisg nan Iùdhach, air a gleidheadh air 14mh de Nisan a-rèir mìosachan na gealaich; san aon dòigh, chomharraich Crìostaidhean tùsail an cuimhneachan aon thuras gach bliadhna.

    Gach bliadhna, air a’ cheann-latha co-fhreagrach ri 14 Nisan, bidh milleanan a’ comharrachadh a’ bhàis Ìosa.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share