Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 129
  • An Deach Am Bìoball Air Atharrachadh?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • An Deach Am Bìoball Air Atharrachadh?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • A bheil seo a’ ciallachadh nach deach mearachdan a dhèanamh ann an ath-sgrìobhaidhean?
  • Ciamar as urrainn dhuinn a bhith cinnteach nach eil tuilleadh mearachdan eile ann ri lorg?
  • Dè na h-adhbharan eile a th’ ann airson a bhith misneachail gun deach Am Bìoball a’ sgaoileadh gu ceart?
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 129
Duine ag ath-sgrìobhadh làmh-sgrìobhainn a’ Bhìobaill

An Deach Am Bìoball Air Atharrachadh?

Cha deach. Tha coimeas eadar làmh-sgrìobhainnean aosmhor a’ sealltainn nach deach Am Bìoball tro atharrachaidhean bunaiteach sam bith, ged a bha Am Bìoball air an ath-sgrìobhadh air stuthan neo-mhaireannach thairis air mìltean de bhliadhnaichean.

A bheil seo a’ ciallachadh nach deach mearachdan a dhèanamh ann an ath-sgrìobhaidhean?

Tha mòran làmh-sgrìobhainnean aosmhor a’ Bhìobaill a bhith air an lorg. Tha cuid ann le diofaran agus tha seo a’ sealltainn gun do rinn sgrìobhaichean a bha ath-sgrìobhadh mearachdan. Ach tha a’ mhòr-chuid de na mearachdan mì-chudromach agus chan eil iad ag atharrachadh ciall an teacsa. Tha cuid ann le diofaran cudromach ge-tà, a’ sealltainn gun do dh’fheuch daoine le fios teachdaire a’ Bhìobaill ag atharrachadh. Saoil air dà eisimpleir:

  1. Aig 1 Eòin 5:7, tha na faclan a leanas aig cuid de eadar-theangachaidhean a’ Bhìobaill nas sine: “air nèamh, an t-Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus an triùir sin is aon iad.” Ach, tha làmh-sgrìobhainnean seasmhach a’ dearbhadh nach robh na faclan seo anns an teacsa tùsail. Bha iad a’ cur ris às dèidh sin.a Mar sin, tha eadar-theangachaidhean seasmhach an-diugh air an cumail seo a-mach.

  2. Bidh ainm pearsanta Dhè a’ nochdadh mìltean de tursan ann an làmh-sgrìobhainnean aosmhor a’ Bhìobaill. Ach, tha iomadh eadar-theangachadh a’ Bhìobaill air a chuir an àite tiotalan mar “Tighearna” no “Dia.”

Ciamar as urrainn dhuinn a bhith cinnteach nach eil tuilleadh mearachdan eile ann ri lorg?

Aig an ìre seo, tha mòran làmh-sgrìobhainnean againn. Mar sin tha e nas fhasa mearachdan a’ lorg na bha a-riamh roimhe.b Dè tha coimeas eadar na sgrìobhainnean seo a’ sealltainn mu dheidhinn cho ceart ’s a tha Am Bìoball an-diugh?

  • A’ bruidhinn air an teacsa de Na Sgriobtaran Eabhraise (gu tric air ainmeachadh “An Seann-Tiomnadh”), thuirt neach-eòlaiche William H. Green: “Faodaidh sinn ag ràdh gun teagamh nach eil obair seanndachd eile a bhith air a sgaoileadh cho mionaideach a-riamh.”

  • A thaobh Na Sgriobtaran Crìostail Greugaise, no “An Tiomnadh Nuadh,” sgrìobh neach-eòlaiche a’ Bhìobaill F. F. Bruce: “Tha am fianais airson na sgrìobhaidhean den Tiomnadh Nuadh buileach nas fheàrr na am fianais airson mòran sgrìobhaidhean le ùghdaran clasaigeach, cha bhi duine sam bith a ceisteachadh na h-ùghdarrachd aca ge-tà.”

  • Thuirt eòlaiche aithnichte air làmh-sgrìobhainnean a’ Bhìobaill Sir Frederic Kenyon: “Faodaidh tu a toirt Am Bìoball gu tur na làimh agus ag ràdh gun teagamh gur e Facal fìor Dhè a th’ ann, a tha air a bhith a cur thugainn gun sìon cudromach air chall bho ginealach gu ginealaich tro na linntean.”

Dè na h-adhbharan eile a th’ ann airson a bhith misneachail gun deach Am Bìoball a’ sgaoileadh gu ceart?

  • Ghlèidhich na sgrìobhairean Iùdhaich agus Crìostail cunntasan a tha a’ nochdadh na droch-mhearachdan a rinn sluagh Dhè.c (Àireamh 20:12; 2 Samuel 11:​2-4; Galàtianaich 2:​11-​14) Mar an ceudna, chum iad earrainn a’ Bhìobaill a bha dìteadh a mì-mhodh aig nàisean Iùdhaich agus a tha soillearachadh oileanachdan bhon daoine an àite Dhè. (Hosèa 4:2; Malachi 2:​8, 9; Mata 23:​8, 9; 1 Eòin 5:​21) Le bhith ag ath-sgrìobhadh na cunntasan seo gu ceart, sheall na sgrìobhairean an earbsa agus an spèis aca air Facal naomh Dhè.

  • Nach eil e reusanta gum biodh Dia, a bha a’ brosnachadh daoine gus Am Bìoball a sgrìobhadh sa chiad àite, a’ cumail teachdaireachd a’ Bhìobaill sàbhailte agus ceart?d (Isaiah 40:8; 1 Peadar 1:​24, 25) Tha sin a’ dèanamh ciall, o chionn ’s gur e adhbhar Dhè gum biodh daoine an-diugh a’ buannachadh bhuaithe agus chan e dìreach na làithean a chaidh seachad. (1 Corintianaich 10:11) Mar sin, “oir, ge b’ e dè a bha sgrìobhte roimhe, bha e air a sgrìobhadh airson ar teagasg-ne, airson ’s tro fhoighidinn is tro mhisneachd nan Sgriobtar gum biodh dòchas againn.”​—Ròmanaich 15:4.

  • Bhruidhinn Ìosa agus na luchd-leantainn aige bho lethbhreacan Na Sgriobtaran Eabhraise gun teagamh sam bith mu dheidhinn cho ceart ’s a bha na seann teacsaichean sin.​—Lùcas 4:​16-​21; Gnìomhan 17:​1-3.

a Chan eil na faclan seo ri lorg anns an Codex Sinaiticus, an Codex Alexandrinus, an Vatican Manuscript 1209, an Latin Vulgate tùsail, an Philoxenian-Harclean Syriac Version, no an Syriac Peshitta.

b Mar eisimpleir, tha barrachd na 5,000 làmh-sgrìobhainnean Greugais de Na Sgriobtaran Crìostail Greugaise, cuideachd air ainmeachadh An Tiomnadh Nuadh, air an lorg.

c Chan eil Am Bìoball a’ dealbhadh na riochdairean daonna Dhè mar gum biodh iad foirfe. Ach tha e ag ràdh: “Chan eil duine ann nach peacaich.”​—1 Rìgh 8:​46.

d Tha Am Bìoball ag ràdh ged nach tug Dia na sgrìobhadairean teachdaireachd a’ Bhìobaill facal air fhacal, stiùir e na smaointean aca.​—2 Timòteus 3:​16, 17; 2 Peadar 1:​21.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share