An Tèid An Talamh gu Sgrios?
Freagairt a’ Bhìobaill
Cha bhi a’ phlanaid againn air a sgriosadh idir, air a losgadh le teine, no talamh eile air a chur na àite. Tha Am Bìoball a’ teagasg gun do chruthaich Dia an talamh airson a bhith air àiteachadh gu bràth.
“Mealaidh na fìreanan an tìr, agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth.”—Salm 37:29.
“Shuidhich e [Dia] an talamh air a bhunaitean, a-chum nach gluaiste e gu bràth.”—Salm 104:5.
“Fanaidh an talamh gu bràth.”—Eclesiastes 1:4.
“A dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh).”—Isaiah 45:18.
Am bi mac an duine a’ milleadh na talmhainn?
Cha leig Dia mac an duine an talamh a mhilleadh gu tur le truailleachd, cogadh, no dòigh sam bith eile. An àite, bidh e a’ sgriosadh an fheadhainn a “tha a’ sgrios na talmhainn.” (Taisbeanadh 11:18) Ciamar a nì e seo?
Chan urrainn riaghaltasan mac an duine dìon a thoirt dhan talamh, ach cuiridh Dia Rìoghachd nèamhaidh foirfe an àite riaghaltasan mac an duine, dìreach mar a bha an adhbhar aige bho thùs. (Daniel 2:44; Mata 6:9, 10) Bidh an Rìoghachd sin air a riaghladh le Mac Dhè, Ìosa Crìost. (Isaiah 9:6, 7) Nuair a bha e air an talamh, chleachd Ìosa cumhachdan mìorailteach thairis air na siantan nàdarrach. (Marcas 4:35-41) Mar Rìgh na Rìoghachd Dhè, cleachdaidh Ìosa an cumhachd aige tharais air an talamh agus na siantan. Ath-nuadhaichidh e cùisean air an talamh, gan dèanamh coltach ri gàrradh Edein.—Mata 19:28; Lùcas 23:43.
A bheil Am Bìoball a’ teagasg gum bi an talamh air a losgadh le teine?
Chan eil. Bidh cuid a’ creidsinn seo bho mì-thuigsinn a tha a’ tighinn bho 2 Peadar 3:7, a tha ag ràdh: “Ach tha na nèamhan ’s an talamh aig an àm seo, leis an aon fhacal, air an gleidheadh airson teine.” Saoil air dà phuing cudromach a tha gar cuideachadh an ciall den fhaclan seo a thuigsinn:
Anns a’ Bhìoball tha na faclan “nèamhan,” “talamh,” agus “teine” a’ ciallachadh rudeigin diofaraichte. Mar eisimpleir, tha Genesis 11:1 ag ràdh: “Agus bha an talamh uile de aon teanga.” Tha “talamh” anns an rann seo a’ ciallachadh sòisealtas mac an duine.
Tha an co-theacsa de 2 Peadar 3:7 a’ sealltainn dhuinn an ciall den nèamhan, talamh, agus teine anns an rann seo. Tha rannan 5 agus 6 a’ dèanamh coimeas le Tuil ’s na làithean Nòah. Aig an àm sin, thàinig “talamh” aosmhor gu crìoch, ach cha deach ar planaid a-mach à bith. An àite, chuir an Tuil sgrios air sòisealtas borb. (Genesis 6:11) Cuideachd, chuir e crìoch air seòrsa de “nèamhan”—na daoine a bha a’ riaghladh thar an sòisealtas talmhainn. Mar sin, ’s e daoine uilc a bha air an sgriosadh, chan e ar planaid. Mhair Nòah agus an teaghlach aige an sgrios den talamh sin agus dh’fhuirich iad air an talamh às dèidh na Tuile.—Genesis 8:15-18.
Coltach ri uisgeachan den Tuil, bidh an sgrios, no “teine,” de 2 Peadar 3:7 a’ cur crìoch air an sòisealtas de dhaoine uilc, chan e An Talamh. Tha Dia a’ gealltainn “nèamhan ùra agus talamh ùr, anns an dèan fìreantachd còmhnaidh.” (2 Peadar 3:13) Bidh an “talamh ùr,” no sòisealtas daoine ùr, fon riaghladh na “nèamhan ùra,” no ceannardas ùr—Rìoghachd Dhè. Fon riaghladh an Rìoghachd seo, bidh ar planaid na pàrras sìtheil.—Taisbeanadh 21:1-4.