Carson a bhàsaich Ìosa?
Freagairt a’ Bhìobaill
Bhàsaich Ìosa airson ‘s gun gheibheadh daoine mathanas on peacaidhean aca agus beatha shìorraidh fhaighinn. (Ròmanaich 6:23; Ephèsianaich 1:7) Sheall bàs Ìosa gun urrainn daoine fantainn dìleas do Dhia fiù ‘s a’ dh’aindeoin deuchainnean cruaidh.—Eabhraich 4:15.
Saoil air ciamar is urrainn am bàs aig aon fhear a bhith cho cudromach.
Bhàsaich Ìosa airson “mathanas nam peacaidhean.”—Colosianaich 1:14.
Chruthaich Dia a’ chiad fhear Àdhamh foirfe, às aonais peacaidh, ach bha Àdhamh eas-umhail ris. Thug an eas-ùmhlachd Àdhaimh buaidh mhòr air a shliochd uile. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn “chaidh mòran a dhèanamh nam peacaich tro eas-ùmhlachd aon duine.”—Ròmanaich 5:19.
Bha Ìosa foirfe cuideachd, ach cha do rinn e peacadh a-riamh. Mar sin, dh’fhaodadh e a bhith na “ìobairt-rèite airson ar peacaidhean.” (1 Eòin 2:2) Dìreach mar a thruaill an eas-ùmhlachd Àdhaimh mac an daoine le peacadh, thug am bàs Ìosa air falbh an smal peacaidh bhon a h-uile duine a chuireas creideamh annsan.
Reic Àdhamh mac an daoine a-steach dhan peacadh mar gum biodh. Ach le bhith a’ bàsachadh gu deònach air ar son, ath-cheannaich Ìosa mac an daoine dha fhèin. Mar sin, “ma pheacaicheas neach sam bith, tha fear-tagraidh againn còmhla ris an Athar - Ìosa Crìosd, am fìrean.”—1 Eòin 2:1.
Bhàsaich Ìosa “airson ’s, ge b’ e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.”—Eòin 3:16.
Ged a bha Àdhamh air a chruthachadh gu bhith beò gu shìorraidh, bha bàs am peanas airson a’ pheacaidh aige. Tro Àdhaimh, “thàinig peacadh a-steach dhan t-saoghal tro aon duine, agus bàs tron pheacadh, agus mar sin a sgaoil bàs chun a h-uile duine, a chionn ’s gun do pheacaich na h-uile.”—Ròmanaich 5:12.
Air an làimh eile, thug am bàs Ìosa an smal peacaidh air falbh agus am peanas-bàis airson a h-uile a chuireas creideamh ann. Tha Am Bìoball a’ mìneachadh: “mar a riaghail am peacadh ann am bàs, gum faodadh gràs riaghladh cuideachd tro fhìreantachd chun na beatha shìorraidh tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.”—Ròmanaich 5:21.
Tha fhios againn gu bheil bacadh-tìde air beatha dhaoine an-diugh. Ach tha Dia a’ gealltainn gun toir e beatha mhaireannach do dhaoine agus togaidh e na mairbh gu beatha a-rithist gus am buannaich iad cuideachd bho ìobairt Ìosa.—Salm 37:29; 1 Corintianaich 15:22.
Dhearbh Ìosa “le bhith a’ fàs umhail gu bàs” gun urrainn duine a bhith dìleas do Dhia a’ dh’aindeoin duilgheadas no deuchainn sam bith.—Philipianaich 2:8.
Ged a bha corp is inntinn Àdhaimh foirfe, bha e eas-umhail a’ chionn’s gun do dh’iarr e le fèineachas, rudeigin nach bu chòir dha. (Genesis 2:16, 17; 3:6) An dèidh seo, thog Sàtan, prìomh nàmhaid Dhè, a’ chasaid nach bitheadh duine sam bith dìleas do Dhia ann an dòigh neo-fhèineil, gu h-àraid nam biodh a bheatha ann an cunnart. (Iob 2:4) Ach, bha am fear foirfe Ìosa umhail ri Dia agus dh’fhan e dìleas dha, a dh’aindeoin bàs nàireil agus piantach. (Eabhraich 7:26) Shocraich seo a’ chùis gu tur: Is urrainn do dhuine fantainn dìleas do Dhia a dh’aindeoin ge be an duilgheadas no deuchainn a tha e a’ dèiligeadh ris.
Ceistean mu bhàs Ìosa
Carson a bha feum ann airson Ìosa a fulang agus a bàsachadh gus daoine ath-cheannach? Carson nach do chuir Dia às a’ bhreith bàis?
Tha lagh Dhè ag radh “is e tuarastal a’ pheacaidh am bàs.” (Ròmanaich 6:23) Cha do chùm Dia an lagh seo falaichte bho Àdhamh. Dh’innis e dha gur e bàs am peanas airson eas-ùmhlachd. Nuair a rinn Àdhamh peacadh, chùm Dia, “nach dèan breug” am facal-sa. (Tìtus 1:2) Thug Àdhamh dhan shliochd, chan e peacadh a-mhàin, ach cuideachd tuarastal a’ pheacaidh—bàs.
Ged a tha mac an duine peacach agus dleasach air bàs, thug Dia “beairteas a ghràis” dhaibh. (Ephèsianaich 1:7) Bha an tiodhlac aige airson mac an duine ath-cheannachachadh—a’ cur Ìosa mar iobairt foirfe—anabarrach ceart agus air leth tròcaireach.
Cuin a bhàsaich Ìosa?
Bhàsaich Ìosa air “an naoidheamh uair” bho èiridh na grèine, no trì uairean feasgar air Caisg nan Iùdhach. (Marcas 15:33-37, bun-nòta) A-rèir clàr-mìosachan san latha an-diugh, tha an ceann-latha seo Dihaoine, 1mh dhen Ghiblean, 33 A.C.
Càite an do bhàsaich Ìosa?
Chaidh Ìosa a chur gu bàs aig “àite ris an canar Àite a’ Chlaiginn (a th’ air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota).” (Eòin 19:17, 18) Bha an làrach seo “air taobh a-muigh a’ gheata” Ierusaleim sna laithean Ìosa. (Eabhraich 13:12) ‘S docha gun robh an t-àite seo air cnoc, oir tha Am Bìoball ag ràdh gum faca cuid am bàs aige “o phìos às.” (Marcas 15:40) Ach chan urrainn dhuinn a bhith buileach cinnteach air far a bheil Golgota an-diugh.
Ciamar a bhàsaich Ìosa?
Ged a tha mòran a’ creidsinn gun deach Ìosa a cheusadh—a chur gu bàs air crann-ceusaidh—tha Am Bìoball ag ràdh: “Ghiùlain esan fhèin ar peacaidhean na chorp air a’ chraoibh.” (1 Peadar 2:24) Chleachd sgrìobhadairean a’ Bhìobaill dà fhacal Greugais airson an inneal a chuir Ìosa gu bàs—stau·rosʹ agus xy’lon. Tha mòran luchd-eòlaich air tighinn dhan co-dhùnadh gu bheil na faclan seo a’ ciallachadh crann dìreach de aon phìos fiodha.
Ciamar am bu chòir dhuinn bàs Ìosa a chomharrachadh?
Air oidhche Chàisg nan Iùdhach bhliadhnail, stèidhich Ìosa cuimhneachadh simplidh leis an luchd-leantainn aige agus dh’iarr e orra: “dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.” (1 Corintianaich 11:24) Ùine bheag as dèidh seo, bha Ìosa air a chur gu bàs.
Rinn sgrìobhadairean a’ Bhìobaill comas eadar Ìosa agus an t-uan a bha air ìobradh aig Càisg nan Iùdhach. (1 Corintianaich 5:7) Dìreach mar a chuir Càisg nan Iùdhach cuimhne air na h-Eabhraidheach gun deach iad a shaoradh bho thrùailleachd. Tha Cuimhneachan Bàs Ìosa a’ cur cuimhne air Crìostaidhean gun deach iad a shaoradh bho pheacadh agus bàs. ’S e comharrachadh bliadhnail a bh’ ann an Càisg nan Iùdhach, air a gleidheadh air 14mh de Nisan a-rèir mìosachan na gealaich; san aon dòigh, chomharraich Crìostaidhean tùsail an cuimhneachan aon thuras gach bliadhna.
Gach bliadhna, air a’ cheann-latha co-fhreagrach ri 14 Nisan, bidh milleanan a’ comharrachadh a’ bhàis Ìosa.