Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 143
  • An e Peacadh a th’ ann a Bhith a’ Smocadh?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • An e Peacadh a th’ ann a Bhith a’ Smocadh?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • Freagairt a’ Bhìobaill
  • A bheil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn cleachdadh marijuana agus drugaichean eile airson adhbharan cleasachail?
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 143
Smocadh toitean

An e Peacadh a th’ ann a Bhith a’ Smocadh?

Freagairt a’ Bhìobaill

Chan eil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn smocadha no cleachdaidhean eile le tombaca. Ach tha prionnsabalan anns a’ Bhìoball a tha a’ sealltain nach eil Dia ag aontachadh le cleachdaidhean a tha mì-fhallain agus neo-ghlan, mar sin ’s e peacadh a th’ ann a bhith a’ smocadh.

  • Spèis do bheatha. “Tha e fhèin a’ toirt beatha agus anail agus a h-uile rud dha na h-uile.’’ (Gnìomhan 17:24, 25) ’S e tiodhlac bho Dia a th’ ann ar beatha agus mar sin, cha bu choir dhuinn rud sam bith a dhèanamh a bhiodh a’ lùghdachadh ar beatha, mar a bhith a’ smocadh. ’S e smocadh a’ phrìomh adhbhar airson bàis ro thrath air feadh an t-saoghal.

  • Gràdh do choimhearsnachd. “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’’ Chan eil smocadh mun chuairt daoine eile a’ sealltain gràdh dhaibh. Tha na feadhainn a tha an-còmhnaidh mun chuairt frith-cheò ann an cunnairt nas àirde, bho chuid de na h-aon tinneasan a bhios luchd-smocaidh a’ fulang.

  • Feum a bhith naomh. “Ur bodhaigean a nochdadh nam beò-ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia.’’ (Ròmanaich 12:1) “Glanamaid sinn fhèin o gach uile thruailleadh feòla is spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè. (2 Corintianaich 7:1) Tha smocadh mì-nàdarrach agus mì-iomchaidh a thaobh naomhachd agus rudan a tha fìor-ghlan. Tha daoine gu toileach a’ cleachdadh tombaca, as dèidh fios a bhith aca gu bheil tocsains ann a ni cron mhòr air a’ bhodhaig.

A bheil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn cleachdadh marijuana agus drugaichean eile airson adhbharan cleasachail?

Chan eil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn marijuana (cuideachd air an ainmeachadh weed neo pot) neo drugaichean eile coltach ris. Ach tha prionnsabalan anns a’ Bhìoball a tha a’ sealltain nach bu choir dhuinn a bhith a’ cleachdadh drugaichean cleasachail, air eagal is gun tèid daoine fo smachd orra. Cuideachd, tha adhbharan eile ann:

  • A’ cumail smachd air ar buadhan-inntinneil. “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile inntinn. (Mata 22: 37, 38) “Bithibh sòbarra nur n-inntinn’’. (1 Peadar 1:13) Chan urrainn cuideigin smachd a chumail air an inntinn nuair a tha iad a’ cleachdadh drugaichean agus tha tòrr daoine a’ tighinn fo smachd orra. Tha am fòcas aca a’ tionndadh agus tha iad an-còmhnaidh a’ smaoineachadh mu dheidhinn a’ lorg agus a’ cleachdadh drugaichean, an àite a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn rudan brosnachail.—Philipianaich 4:8

  • Umhail dhan lagh. “Cuimhnich dhaibh iad fhèin a chur fo riaghladairean ’s fo ùghdarrasan, a bhith umhail.’’ (Titus 3:1) Ann an tòrr dùthchannan tha lagh chruaidh ann a tha a’ cumail smachd air an cleachdadh aig cuid de dhrugaichean. Airson Dia a thoileachadh, bu choir dhuinn a bhith umhail dha na h-ùghdarrasan.—Ròmanaich 13:1.

Tombaca agus do shlàinte

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne a’ dèanamh meas air an àireamh gu bheil mu sia millean daoine a’ bàsachadh bho tinneasan a tha an ceangail ri cleachdadh tombaca. Tha sin a’ gabhail a-steach barrachd na 600,000 daoine nach eil a’ smocadh agus an cron bho frith-cheò. Smaoinich mu dheidhinn an cron a ni tombaca air an slàinte luchd-smocaidh agus feadhainn eile mun chuairt.

Aillse. Tha barrachd na 50 ceimigean carcinogenic ann an smoc tombaca. Tha an Encyclopædia Britannica ag radh gu bheil smoc tombaca “believed to account for 90 percent of all cases of lung cancer.” Gu tric ’s e smoc tombaca an adhbhar airson aillse ann an organaich eile mar am beul, pìob-analach, de-tilbheach, amhaich, guthlag, grùthan, brisgean-milis, agus aotroman.

Tinneas-analaiche. Tha smoc tombaca a’ meudachadh an cunnart aig trioblaidean analaich, mar an galar sgamhanach agus an cnàtan-mòr. Tha cunnart nas motha aig clann a tha gu tric a’ gabhail a-steach frith-cheò, a bhith a’ fulang le geàrr-anail agus casadaich-leantalaich agus cron a dhèanamh air na sgamhanan.

Tinneas-Cridhe. Tha cunnart nas motha ann airson daoine a tha a’ smocadh a bhith a’ fulang bho stròc no tinneas-cridhe. Tha an carbon monoxide ann an smoc tombaca a’ siubhal bho na sgamhanan a-steach dhan ruith na fala, far am bidh e a’ cur às ogsaidean. A chionn ’s nach eil gu leòr ógsaidean anns an fhuil, feumaidh an cridhe ag obair nas chruaidhe airson ogsaidean a thoirt dhan bhodhaig.

Buaidhean air leatromachd. Tha cunnart nas motha aig boireannaich a tha a’ smocadh nuair a tha iad trom agus na leanabhan aca a bhith brèith ro thrath le cuideam ìosal no cronan eile mar failc (cleft lip). Cuideachd, dh’fhaodadh na leanabhan a’ fulang trioblaidean analaich no SIDS.

a Tha smocadh a thoirt a-steach a’ smocadh tombaca le toitean, siogaran, pìoban, neo pìoban-uisge. Tha na prionnsabalan anns a’ Bhìoball a’ gabhail a-steach rudan le niceotain, mar a’ seobhaigeach tombaca, snaoisean, toitean-D agus rudan eile coltach ris.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share