Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 136
  • An i Moire Màthair Dhè?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • An i Moire Màthair Dhè?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • Freagairt a’ Bhìobaill
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 136
Moire leis an leanabh Ìosa

An i Moire Màthair Dhè?

Freagairt a’ Bhìobaill

Chan i, cha bhi Am Bìoball a’ teagasg gu bheil Moire na màthair Dhè no gum bu chòir dhaibh iomradh sam bith a dhèanamh rithe.a Meòraich air seo:

  • Cha tuirt Moire idir gun robh i na màthair Dhè. Tha Am Bìoball ag ràdh gun tug i brèith don “Mac Dhè,” chan ann do Dhia fhèin.​—Marcas 1:1; Lùcas 1:​32.

  • Cha tuirt Ìosa Crìost a-riamh gum b’ i Moire màthair Dhè no gun robh i airidh air dìlseachd shònraichte. Ach, cheartaich e boireannach a thug aire shònraichte air an dreuchd beannaichte Moire mar màthair aige, ag ràdh: “Is beannaichte iadsan a tha ag èisteachd ri facal Dhè agus a chumas e.”​—Lùcas 11:27, 28.

  • Chan eil na h-abairtean “Màthair Dhè” no “Theotokos” ri lorg anns a’ Bhìoball.

  • Chan eil “bhànrighinn nèimh” ’sa Bhìoball a’ ciallachadh Moire ach ban-dia fallsa a bha na h-Eabhraidheach a dhiùlt teagasgan Dhè ag adhradh. (Ieremiah 44:15-​19) ’S dòcha gum b’ i “bhànrighinn nèimh” Ishtar (Astarte), ban-dia Bhabilonianach.

  • Cha do rinn Crìostaidhean tùsail adhradh do Mhoire, is cha tug iad urram sònraichte dhi. Sgrìobh aon neach-eachdraidh gum biodh Crìostaidhean tùsail “air cultasan a dhiùltadh agus ’s dòcha gun robh iad iomaganach gum biodh cus airidh do Mhoire a’ togail an casaid gun robh iad an sàs ann an adhradh ban-dia.”​—In Quest of the Jewish Mary.

  • Tha Am Bìoball ag ràdh gun robh Dia an-còmhnaidh ann. (Salm 90:1, 2; Isaiah 40:28) Oir cha robh toiseach aige, chan b’ urrainn màthair a bhith aige. Barrachd air seo, cha b’ urrainn do Mhoire Dia a ghiùlain na broinn; tha Am Bìoball a’ sealltainn gu follaiseach nach b’ urrainn fiù ’s na nèamhan a chumail.​—1 Rìgh 8:​27.

Moire​—Màthair Ìosa, chan i “Màthair Dhè”

’S i Iùdhach a bh’ ann am Moire o dhùalchas, agus thàinig i bhon sliochd dìreach an Rìgh Daibhidh. (Lùcas 3:​23-​31) Fhuair i fàbhar bho Dhia air sàillibh ’s an creideamh a bha aicese. (Lùcas 1:​28) Thaghadh Dia i a bhith na màthair Ìosa. (Lùcas 1:​31, 35) Còmhla ris an duine aice, Iòsaph, bha clann eile aig Moire.​—Marcas 6:3.

Ged a tha Am Bìoball ag innse dhuinn gun tàinig Moire a bhith na deisciobal Ìosa, chan eil mòran fhìosrachaidh eile ann ma deidhinn.​—Gnìomhan 1:​14.

Carson a tha feadhainn a’ creidsinn gur i Moire màthair Dhè?

Tha an fhianais as tràithe airson urramach Mhoire a’ tighinn bhon a’ cheathramh linn A.C. Aig an àm sin, thòisich An Eaglais Caitligeach a bhith na creideamh Stàit den Impire Ròmanaich. Mar sin, thòisich mòran dhaoine pàganta a bhith nan Crìostaidhean ann an ainm. Cuideachd, thòisich an eaglais a’ teagasg an Trianaid, teagasg nach eil ri lorg ‘sa Bhìoball.

Air sàillibh an Trianaid, thàinig mòran dhan cho-dhùnadh gum b’ e Ìosa Dia, mar sin bu chòir Moire a bhith na màthair Dhè. Ann an 431 A.C., dh’èigh comhairle Eaglaise ann an Ephesus gu formeile gum b’ i Moire màthair Dhè. Thòisich “Mariolity”​—an urramachadh ana-mhòr de Mhoire​—a fàs làidir às dèidh na Chomhairle Ephesus seo. Nuair a ghabh feadhainn a bha nam pàganach an Eaglais, le ùine thòisich dealbhan Mhoire Òigh a bhith cur an àite na bana-diathan torrachas aca, mar Artemis (Diana, dha na Ròmanaich) agus Isis.

Ann an 432 A.C., dh’ òrdaich Papa Sixtus III eaglais a bhith air a togail san Roimhe airson “Màthair Dhè.” Chaidh i a togail faisg air an làrach far an robh teampall gu Lucinia, ban-dia bhreith-chloinne nan Ròmanaich. Thuirt aon ùghdar gun robh an eaglais seo a’ sealltainn an ceangal eadar na buidhnean pàganach agus an cult Moire. Oir nuair a thòisich Roimhe a bhith Crìostail, thionndaidh na buidhnean pàganach bhon Mhàthair Mhòr pàganta chun an cult Moire.​—Mary​—The Complete Resource.

a Tha cuid creideamhan a’ teagasg gur i Moire màthair Dhè. Aig amannan bidh iad a’ gabhail oirre mar “bhànrighinn nèimh” no Theotokos, facal Greugais a tha a’ ciallachadh “màthair-Dhè.”

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share