Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 140
  • Ìosa ar Slànaighear—Ciamar?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Ìosa ar Slànaighear—Ciamar?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • Freagairt a’ Bhìobaill
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 140
Ìosa le daoine bho iomadh cinneadh mun chuairt air

Ìosa ar Slànaighear—Ciamar?

Freagairt a’ Bhìobaill

Shàbhail Ìosa mac an duine dìleas nuair a thug e seachad a bheatha mar èirig. (Mata 20:28) Mar sin, tha Ìosa air ainmeachadh “Shlànaighear den t-Saoghal.” (1 Eòin 4:​14) Cuideachd, tha e ag ràdh: “Chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.”​—Gnìomhan 4:​12.

‘Blaiseadh [Ìosa] bàs airson a h-uile duine’ a chuireas creideamh ann. (Eabhraich 2:9; Eòin 3:​16) Às dèidh sin, “thog Dia o na mairbh” e agus thill Ìosa don nèimh mar spioraid. (Gnìomhan 3:​15) Ann an nèimh, is urrainn Ìosa “a shàbhaladh gu h-iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.”​—Eabhraich 7:​25.

Carson a tha feum ann airson Ìosa eadar-ghuidhe a dhèanamh air ar son?

Tha sinn uile nar peacaich. (Ròmanaich 3:​23) Tha peacadh a’ cur bacadh eadar sinne agus Dia, agus a’ leantainn gu bàs. (Ròmanaich 6:​23) Ach bidh Ìosa a’ frithealadh mar “fear-tagraidh” airson iad a tha a’ cur creideamh ann an ìobairt aige. (1 Eòin 2:1) Bidh e a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son, ag iarraidh air Dia ar n-ùrnaighean a chluinntinn agus maitheanas a thoirt seachad airson peacaidhean stèidhichte air ìobairt Ìosa. (Mata 1:​21; Ròmanaich 8:​34) Bidh Dia a’ freagairt na h-iarrtasan Ìosa oir tha iad a rèir a’ mhiann Aige. Chuir Dia Ìosa dhan talamh “gus am biodh an saoghal air a shaoradh troimhesan.”​—Eòin 3:​17.

A bheil creideamh ann an Ìosa gu leòr airson slàinte fhaighinn?

Chan eil. Ged a tha feum oirnn creideamh ann an Ìosa airson slàinte fhaighinn, tha barrachd a dhìth oirnn. (Gnìomhan 16:30, 31) Tha Am Bìoball ag ràdh: “dìreach mar a tha an corp marbh gun spioraid, mar sin cuideachd tha creideamh marbh gun obraichean.” (Sheumais 2:​26) Airson a bhith air ar slànachadh, feumaidh sinn:

  • Ag ionnsachadh mu Ìosa agus Athair Iehòbha.​—Eòin 17:3.

  • A’ togail creideamh annta.​—Eòin 12:44; 14:1.

  • A’ sealltainn ar creideamh le bhith umhail do na h-òrdughan aca. (Lùcas 6:​46; 1 Eòin 2:​17) Theagaisg Ìosa nach bi a h-uile neach a chanas “a Thighearna” a bhith air a shlànachadh ach dìreach “an neach a nì toil m’ Athar-sa a th’ air nèamh.”​—Mata 7:​21.

  • A’ cumail oirnn ar creideamh a shealltainn a dh’aindeoin duilgheadasan. Ann an dòigh gu math soilleir thuirt Ìosa: “bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.”​—Mata 24:13.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share