Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn Dìneasaran?
Freagairt a’ Bhìobaill
Chan eil reifreans dìreach gu dìneasaran anns a’ Bhìoball. Ach, tha Am Bìoball ag aithneachadh gun do “chruthaich thusa [Dia] a h-uile sìon,” mar sin, tha e soilleir gun robh iad am measg nan rudan a rinn e.a (Taisbeanadh 4:11) Ged nach eil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn dìneasaran gu sònraichte, faodaidh dìneasaran a bhith am measg buidhnean de diofar beathaichean:
“Mucan-mara mòra.”—Genesis 1:21.
“Gach nì a shnàigeas air an talamh.”—Genesis 1:25.
“Beathaichean na talmhainn.”—Genesis 1:25.
An do thionndaidh Dìneasaran bho beathaichean eile?
An àite a bhith a’ nochdadh beag air bheag mar gum biodh le èabhlaid, tha dìneasaran a’ nochdadh gu h-obann anns a’ chlàr-fosail. Tha seo ag aontachadh leis a’ Bhìoball agus a’ sealltainn gun do chruthaich Dia a h-uile beathaich. Mar eisimpleir, tha Salm 146:6 a’ mìneachadh gur e Dia “A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta.”
Cuin a bha na dìneasaran beò?
Tha Am Bìoball a’ mìneachadh gun robh na beathaichean-mara agus beathaichean-talmhainn air an cruthachadh rè a’ chòigeimh agus an t-siathamh latha, no faid-ùine de chruthachaidh.b (Genesis 1:20-25, 31) Mar sin, chan eil Am Bìoball a’ dol an aghaidh a’ bheachd gun robh dìneasaran ann airson ùine fhada.
An robh Behemot agus Lebhiatan nan dìneasaran?
Cha robh. Ged nach urrainn na beathaichean seo bhon leabhar Iob a bhith air an aithneachadh le cinnt, tha Behemot gu tric air aithneachadh leis an each-aibhne agus Lebhiatan, leis a’ chrogall. Tha na dealbhan seo ag aontachadh ris na tha sgrìobhte mun deidhinn anns na Sgriobtaran. (Iob 40:15-23; 41:1, 14-17, 31) Chan urrainn na h-abairtean “Behemot” agus “Lebhiatan” a’ ciallachadh gu bheil iad dìneasaran. Bhrosnaich Dia Iob a bhith a’ coimhead gu pearsanta air na beathaichean seo, agus bha Iob beò fada às dèidh dhan dìneasaran a chaidh a-mach à bith.—Iob 40:16; 41:8.
Dè thachair gu na dìneasaran?
Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn mu dè thachair gu na dìneasaran ach tha e ag ràdh gun robh a h-uile sìon air a chruthachadh “a rèir do thoil-sa [Dia],” mar sin tha e soilleir gun robh adhbhar aig Dia airson na dìneasaran a chruthachadh. (Taisbeanadh 4:11) Nuair a bha an adhbhar sin air a choileanadh, leig Dia na dìneasaran a-mach à bith.
a Tha fosailean a’ dearbhadh gun robh Dìneasaran ann. Cuideachd, tha fosailean a’ sealltainn gun robh pailteas ann de diofar dìneasaran de gach seòrsa meud airson ùine.
b Anns a’ Bhìoball, faodaidh am facal ‘là’ a ciallachadh faidean-ùine a tha a’ dol thairis air mìltean de bhliadhnaichean.—Genesis 1:31; 2:1-4; Eabhraich 4:4, 11.