A Bheil Fàisneachdan Mesianaich a’ Sealltainn gur e Ìosa Am Mesiah?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha. Fhad ’s a bha e air an talamh, choilean Ìosa iomadh fàisneachd mar “Mesiah am Prionnsa,” am fear a bhiodh na “Shlànaighear dhen t-saoghal.” (Daniel 9:25; 1 Eòin 4:14) Fiù ’s às dèidh a bhàis, lean Ìosa air adhart a bhith a’ coileanadh fàisneachdan.—Salm 110:1; Gnìomhan 2:34-36.
Am b’ urrainn barrachd na aon neach na fàisneachdan Mesianaich a choileanadh?
Cia mheud fàisneachd Mhesianach a tha ri lorg anns a’ Bhìoball?
Dè tha “Mesiah” a’ ciallachadh?
Tha am facal Eabhrais Ma·shi’ach (Mesiah) agus am facal Greugais Khri·stos (Crìost) a’ ciallachadh “aon Ungte.” Air an adhbhar sin, tha “Ìosa Crìost” a’ ciallachadh “Ìosa an t-Aon Ungte,” no “Ìosa Am Mesiah.”
Gu tric, ann an làithean a’ Bhìobaill, chaidh cuideigin ungadh le ola air a cheann nuair a fhuair e dreuchd sonraichte. (Lebhiticus 8:12; 1 Samuel 16:13) Thug Dia Ìosa an suidheachadh airson a bhith na Mhesiah—dreuchd le ùghdarras mòr. (Gnìomhan 2:36) Ach an àite ag ungadh Ìosa le ola, rinn Dia le spiorad naomh e.—Mata 3:16.
Am b’ urrainn barrachd na aon neach na fàisneachdan Mesianaich a choileanadh?
Cha b’ urrainn. Dìreach mar a tha meur-lorg a’ toirt aithne air aon neach, bidh coileanadh nan fàisneachdan Bhìobaill a’ sònrachadh gu dìreach aon Mhesiah, no Crìost. Ge-tà, tha Am Bìoball a’ rabhadh: “Oir èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean mòra agus iongantasan, airson ’s – nan robh e an comas – fiù ’s an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.”—Mata 24:24.
Am b’ urrainn Am Mesiah a nochdadh san am ri teachd?
Cha b’ urrainn. Dh’fhàisnich Am Bìoball gum biodh Am Mesiah na shliochd Daibhidh Rìgh Israeil. (Salm 89:3, 4) Ge-tà, chaidh na seann chlàraidhean dualchasach a-mach gu linn Dhaibhidh air chall, aig àm nuair a cheannsaich na Ròmanaich Ierusalem ann an 70 A.C.a Bhon uair sin, chan urrainn daoine dearbhadh gun robh e na linn rìoghail Dhaibhidh. Ach, aig àm Ìosa, bha na clàraidhean dualchasach ann, agus cha b’ urrainn na naimhdean a ràdh nach robh e na phàirt de linn Dhaibhidh.—Mata 22:41-46.
Cia mheud fàisneachd Mhesianach a tha ri lorg anns a’ Bhìoball?
Chan urrainn dhuinn àireamh shònraichte a thoirt seachad de fhàisneachdan Mesianaich a tha ri lorg anns a’ Bhìoball. Mar eisimpleir, faodaidh an dòigh airson fàisneachdan àireamhachadh a bhith eadar-dhealaichte, fiù ’s airson rannan a tha Mesianach gu follaiseach. Tha an earrann aig Isaiah 53:2-7 a’ toirt iomradh air iomadh feartan fàisneach a thaobh Am Mesiah. Tha cuid ann den bheachd gur i dìreach aon fàisneachd a th’ anns an earrann seo gu lèir, ach is dòcha gum biodh feadhainn eile den bheachd gur i fàisneachd eadar-sgaraichte a th’ anns gach feart.
Feadhainn de na fàisneachdan Mesianaich a choilean Ìosa
Fàisneachd |
Leugh aig |
Coileanadh |
|---|---|---|
Clann Abrahàim |
Genesis 22:17, 18 |
Mata 1:1 |
Sliochd Isaac mhic Abrahàim |
Genesis 17:19 |
Mata 1:2 |
Air a bhreith nan treubh Eabhraidheach Iùdah |
Genesis 49:10 |
Mata 1:1, 3 |
Den t-sliochd rìoghail Rìgh Dhaibhidh |
Isaiah 9:7 |
Mata 1:1 |
Air a bhreith le òigh |
Isaiah 7:14 |
Mata 1:18, 22, 23 |
Rugadh ann am Betlehem |
Micah 5:2 |
Mata 2:1, 5, 6 |
Air ainmeachadh Emanuelb |
Isaiah 7:14 |
Mata 1:21-23 |
Toiseach iriosal |
Isaiah 53:2 |
Lùcas 2:7 |
Clann òga air am marbhadh an dèidh a bhreith |
Ieremiah 31:15 |
Mata 2:16-18 |
Air a ghairm a-mach à Èipheit |
Hosèa 11:1 |
Mata 2:13-15 |
Chaidh Nàsarach a ghabhail airc |
Isaiah 11:1 |
Mata 2:23 |
Thàinig teachdaire roimhe |
Malachi 3:1 |
Mata 11:7-10 |
Air ungadh mar Mhesiah ann an 29 A.C.d |
Daniel 9:25 |
Mata 3:13-17 |
Aithnichte le Dia mar A Mhac |
Salm 2:7 |
Gnìomhan 13:33, 34 |
Dìleas airson taigh Dhè |
Salm 69:9 |
Eòin 2:13-17 |
Searmonaiche deagh naidheachd |
Isaiah 61:1 |
Lùcas 4:16-21 |
Bha a mhinistrealachd phoblach ann an Galile na sòlas mòr |
Isaiah 9:1, 2 |
Mata 4:13-16 |
Rinn e mìorbhailean mar Mhaois |
Deuteronomi 18:15 |
Gnìomhan 2:22 |
Mar Mhaois, bhruidhinn e smaointinn Dhè |
Deuteronomi 18:18, 19 |
Eòin 12:49 |
Leighis e tinneas mòran dhaoine |
Isaiah 53:4 |
Mata 8:16, 17 |
Cha do tharraing e aire dha fhèin |
Isaiah 42:2 |
Mata 12:17, 19 |
Sheall e co-fhaireachdainn dhaibhsan a bha a’ fulang |
Isaiah 42:3 |
Mata 12:9-20; Marcas 6:34 |
Nochd e ceartas Dhè |
Isaiah 42:1, 4 |
Mata 12:17-20 |
Comhairliche Iongantach |
Isaiah 9:6, 7 |
Eòin 6:68 |
Nochd e ainm Iehòbha |
Salm 22:22 |
Eòin 17:6 |
Chleachd e dealbhan-facal |
Salm 78:2 |
Mata 13:34, 35 |
Ceannard |
Daniel 9:25 |
Mata 23:10 |
Cha robh mòran ga chreidsinn |
Isaiah 53:1 |
Eòin 12:37, 38 |
Cnap-starra |
Isaiah 8:14, 15 |
Mata 21:42-44 |
Daoine ga dhiùltadh |
Salm 118:22, 23 |
Gnìomhan 4:10, 11 |
Fuath gun adhbhar |
Salm 69:4 |
Eòin 15:24, 25 |
Teachd a-steach buadhail do Ierusalem air asal |
Sechariah 9:9 |
Mata 21:4-9 |
Clann ga mholadh |
Salm 8:2 |
Mata 21:15, 16 |
Thàinig e ann an ainm Iehòbha |
Salm 118:26 |
Eòin 12:12, 13 |
Air a bhrathadh le chàraid dlùth |
Salm 41:9 |
Eòin 13:18 |
Air a bhrathadh airson 30 bonn airgide |
Sechariah 11:12, 13 |
Mata 26:14-16; 27:3-10 |
Ruith na caraidean aige air falbh |
Sechariah 13:7 |
Mata 26:31, 56 |
Fianaisean fallsa na aghaidh |
Salm 35:11 |
Mata 26:59-61 |
Sàmhach air beulaibh luchd-casaid |
Isaiah 53:7 |
Mata 27:12-14 |
Thilg feadhainn smugaidean na aodann |
Isaiah 50:6 |
Mata 26:67; 27:27, 30 |
Bhuail iad a cheann |
Micah 5:1 |
Marcas 15:19 |
Sgiùrsadh |
Isaiah 50:6 |
Eòin 19:1 |
Cha do shàbaid e an aghaidh an fheadhainn a bhuail e |
Isaiah 50:6 |
Eòin 18:22, 23 |
Dh’obair ceannardan riaghaltas còmhla na aghaidh |
Salm 2:2 |
Lùcas 23:10-12 |
Tàirngean tro a làmhan agus a chasan |
Salm 22:16 |
Mata 27:35; Eòin 20:25 |
Thilg iad cruinn airson aodach aige |
Salm 22:18 |
Eòin 19:23, 24 |
Air a chunntadh am measg àireamh nan ciontach |
Isaiah 53:12 |
Mata 27:38 |
Air a mhagadh |
Salm 22:7, 8 |
Mata 27:39-43 |
Dh’fhuiling e airson peacaich |
Isaiah 53:5, 6 |
1 Peadar 2:23-25 |
Bha e coltach gun do dh’fhàg Dia e |
Salm 22:1 |
Marcas 15:34 |
Chaidh fìon-geur agus domblas a thoirt dha ri òl |
Salm 69:21 |
Mata 27:34 |
Bha pathadh air ro bàs |
Salm 22:15 |
Eòin 19:28, 29 |
Chuir e a spiorad ann an cùram Dhè |
Salm 31:5 |
Lùcas 23:46 |
Thug e seachad a bheatha |
Isaiah 53:12 |
Marcas 15:37 |
An t-èirig airson peacaich |
Isaiah 53:12 |
Mata 20:28 |
Cnàmhan gun bhriseadh |
Salm 34:20 |
Eòin 19:31-33, 36 |
Air a tro-lotadh le sleagh |
Sechariah 12:10 |
Eòin 19:33-35, 37 |
Air a tòrradh leis na beartaich |
Isaiah 53:9 |
Mata 27:57-60 |
Air thogail bho na mairbh |
Salm 16:10 |
Gnìomhan 2:29-31 |
Cuideigin eile air a chur an àite am brathadair |
Salm 109:8 |
Gnìomhan 1:15-20 |
A shuidhe air deas-làimh Dhè |
Salm 110:1 |
Gnìomhan 2:34-36 |
a Tha McClintock and Strong’s Cyclopedia ag ràdh: “Chan eil mòran teagamh ann gun robh na clàraidhean de na treubhan agus nan teaghlaichean Iùdhaich air an sgriosadh aig àm sgriosa Ierusaleim, agus chan ann roimhe sin.”
b Tha an t-ainm Eabhrais Emanuel, a’ ciallachadh “Dia còmhla rinn,” ainm freagarrach airson an dreuchd Ìosa mar Am Mesiah. Bha an làthair agus na gnìomhan aige a’ dearbhadh gun robh Dia còmhla ris na luchd-adhraidh Aige.—Lùcas 2:27-32; 7:12-16.
c Tha e coltach gu bheil am facal Eabhrais “Nàsarach” a’ tighinn bho neʹtser a tha a’ ciallachadh “ùr-fhàs.”
d Airson tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a tha ruith-eachdraidh a’ Bhìobaill a’ cur cuideam air 29 A.C. mar am bliadhna a thàinig Am Mesiah, faic an t-artaigil “How Daniel’s Prophecy Foretells the Messiah’s Arrival.”
e Tha an fhàisneachd seo san leabhar Shechariah, ach thuirt sgrìobhadair a’ Bhìobaill Mata “an rud a chaidh a ràdh leis an fhàidh Ieremiah.” (Mata 27:9) Tha e coltach gun robh an leabhar Ieremiah aig amannan air a chur san tòiseach den earrann Sgriobtar air ainmeachadh “na Fàidhean.” (Lùcas 24:44) Tha e coltach gun do chleachd Mata “Ieremiah” airson a cruinneachadh slàn den leabhar seo, Sechariah an lùib.