Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • ijwbq aiste 116
  • Cò tha Dol gu Nèamh?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Cò tha Dol gu Nèamh?
  • Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Fo-liosta
  • Stuth Coltach Ris
  • Freagairt a’ Bhìobaill
  • Dè Tha Bàs Iòsa a’ Ciallachadh Dhutsa?
    Èist ri Dia Agus Fan Beò gu Sìorraidh
Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
ijwbq aiste 116
144,000 a’ riaghladh ri Ìosa air nèamh

Cò tha Dol gu Nèamh?

Freagairt a’ Bhìobaill

Tha Dia a’ taghadh àireamh shònraichte de Chrìostaidhean dhìleas a gheibh, às dèidh bàis, aiseirigh gu beatha ann an nèamh. (1 Peadar 1:​3, 4) Às dèidh a bhith air an taghadh, feumaidh iad a chumail an creideamh agus glèidh aca gu ìre àrd gus nach bi iad gearradh às bhon oighreachd nèamhaidh fhaighinn.​—Ephèsianaich 5:5; Philipianaich 3:​12-​14.

Dè nì an fheadhainn a thèid gu nèamh?

Frithealaidh iadsan ri taobh Ìosa mar rìghrean agus sagartan airson 1,000 bliadhna. (Taisbeanadh 5:​9, 10; 20:6) Dealbhaidh iad na “nèamhan ùra,” an riaghaltas nèamhaidh a bhios a’ riaghladh thairis air an “talamh ùr,” an comann talmhaidh. Cuidichidh na riaghladairean nèamhaidh mac an duine an ath-nuadhachadh gu cùisean fìreantachd, mar a bha Dia ag iarraidh bhon toiseach-tòiseachaidh.​—Isaiah 65:17; 2 Peadar 3:​13.

Cia mheud a gheibheadh an aiseirigh suas gu nèamh?

Tha Am Bìoball a’ mìneachadh gum faigh 144,000 daoine aiseirigh gu beatha nèamhaidh. (Taisbeanadh 7:4) Anns an t-sealladh air chlàradh aig Taisbeanadh 14:​1-3, chunnaic an t-abstol Eòin “Uan na sheasamh air beinn Shioin agus còmhla ris ceud, ceathrad ’s a ceithir mìle.” Anns an t-sealladh seo, tha “An t-Uan” a’ riochdachadh Ìosa air an èirigh gu nèamh. (Eòin 1:​29; 1 Peadar 1:​19) Tha “beinn Shioin” a’ riochdachadh an t-suidheachaidh Ìosa air àrdachadh agus an 144,000 a tha a’ riaghladh còmhla ris anns na nèamhan.​—Salm 2:6; Eabhraich 12:22.

Tha an fheadhainn “air an gairm, agus air an taghadh” a’ riaghladh còmhla ri Crìost anns an Rìoghachd air ainmeachadh “a threud bhig.” (Taisbeanadh 17:14; Lùcas 12:32) Tha seo a’ sealltainn gum biodh iad nam buidheann beag an taca ris an àireamh air fad de chaoraich Ìosa.​—Eòin 10:16.

Mì-thuigsinnean mun fheadhainn a thèid gu nèamh

Mì-thuigsinn: Thèid gach duine math gu nèamh.

Fìrinn: Bidh Dia a’ gealltainn beatha gu sìorraidh air an talamh airson mhòr-chuid de dhaoine matha.​—Salm 37:11, 29, 34.

  • Thuirt Ìosa: “Cha deach neach sam bith suas a nèamh.” (Eòin 3:​13) Sheall e dhuinn nach deach daoine matha a bhàsaich roimhe gu nèamh, mar Àbraham, Maois, Iob agus Daibhidh. (Gnìomhan 2:​29, 34) An àite sin, bha an dòchas aiseirigh talmhainn aca.​—Iob 14:13-​15.

  • Tha an aiseirigh gu beatha nèamhaidh air ainmeachadh a’ “chiad aiseirigh.” (Taisbeanadh 20:6) Tha seo a’ ciallachadh gum bi dàrna aiseirigh ann. ’S e seo aiseirigh talmhainn.

  • Tha Am Bìoball a’ teagaisg, “cha bhi bàs ann tuilleadh” fo riaghladh Rìoghachd Dhè. (Taisbeanadh 21:​3, 4) Air sgàth ’s nach eil bàs a-riamh ann an nèamh, feumaidh an gealltainn seo a bhith ceangailte ris an talamh.

Mì-thuigsinn: Tha taghadh aig gach neach eadar beatha ann an nèamh, no air an talamh.

Fìrinn: Bidh Dia a’ taghadh nan Crìostaidhean dìleas a gheibh an “duais àrd-ghairm,” ’s e sin an dòchas nèamhaidh. (Philipianaich 3:​14) Cha bhi miann-adhartais pearsanta a’ dèanamh buaidh air ma thèid cuideigin a thaghadh.​—Mata 20:20-​23.

Mì-thuigsinn: Chan eil an dòchas talmhainn cho math, ’s e prìs nas lugha a th’ ann a tha air a thoirt dhan fheadhainn nach eil airidh air a’ dol dhan nèamh.

Fìrinn: Tha Dia ag ainmeachadh an fheadhainn a gheibh beatha mhaireannach air an talamh “mo shluaigh-sa,” “mo mhuinntir thagte,” agus “dhaoine beannaichte an Tighearna.” (Isaiah 65:21-​23) Bidh am pribhleid aca a’ coileanadh miann tùsail Dhè airson mac an duine​—beatha mhaireannach foirfe air pàrras talmhainn.​—Genesis 1:​28; Salm 115:16; Isaiah 45:18.

Mì-thuigsinn: Chan eil an àireamh 144,000 ri lorg ann an Taisbeanadh litireil, ’s e àireamh shamhlachail a th’ ann.

Fìrinn: Ged a tha àireamhan samhlachail ann an Taisbeanadh, tha cuid de na h-àireamhan ann litireil. Mar eisimpleir tha e a’ bruidhinn air “dà ainm dheug dà abstol dheug an Uain.” (Taisbeanadh 21:14) Beachdaich air am fiosrachadh carson am bu chòir an àireamh 144,000 a bhith litireil.

Tha Taisbeanadh 7:4 a’ clàradh “an àireamh acasan a chaidh a sheulachadh [no, dearbhte airson beatha ann an nèamh], ceud is ceathrad is ceithir mìle.” Anns a’ cho-theacsa den rann seo, tha dàrna buidheann eadar-dhealaichte ann, “co-chruinneachadh mòr, nach b’ urrainn do dhuine sam bith àireamh.” Bidh an fheadhainn a tha den “co-chruinneachadh mòr” a’ faighinn slàinte bho Dhia cuideachd. (Taisbeanadh 7:​9, 10) Ma tha an àireamh 144,000 samhlachail agus buidheann gun àireamh, bhiodh an co-chontrarrachd eadar an dà bhuidheann air chall.a

A bharrachd air sin, tha na 144,000 air an ainmeachadh mar a bhith “cheannach o mheasg dhaoine mar chiad thoradh.” (Taisbeanadh 14:4) Tha a’ ”chiad thoradh” a’ ciallachadh buidheann beag sònraichte. Bidh iad a’ riaghladh ann an nèamh le Crìost agus os cionn luchd gun àireamh air an talamh.​—Taisbeanadh 20:​6.

a San aon dòigh, sgrìobh Proifeasair Robert L. Thomas a thaobh na h-àireimh 144,000 ann an Taisbeanadh 7:4: “ ’S e àireamh dheimhinnte a th’ ann a tha co-chontrarrachd ris an àireamh neo-shònraichte aig 7:9. Ma tha e samhlachail, cha tèid àireamh sam bith a ghabhail gu litireil.”​—Taisbeanadh 1-7: An Exegetical Commentary, duilleag 474.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share