LEASAN 44
A Bheil Dia Toilichte le Gach Subhachas?
Tha Iehòbha ag iarraidh gun còrdadh ar beatha rinn agus gun comharraich sinn amannan sònraichte. Ach a bheil e toilichte leis a h-uile fèill is tachartas sònraichte? Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gràdh do Iehòbha sa chùis seo?
1. Carson a tha Iehòbha mì-thoilichte le mòran subhachais?
’S dòcha gu bheil e iongnadh dhut ag ionnsachadh gu bheil iomadh subhachas bunaichte air theagaisgean neo-sgriobtarail no pàganta aig amannan. Tha subhachasan a leithid ceangailte ri creideamh fallsa, fiù ’s diabhlaidheachd, no gu bheil an t-anam sìor-mhaireannach. Tha cuid subhachas freumhaichte air seannsa. (Isaiah 65:11) Tha Iehòbha a’ rabhadh an luchd-adhraidh aige: “Thigibh a’mach om measg . . . is na buinibh dhan rud neòghlan.”—2 Corintianaich 6:17.a
2. Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn le fèillean a tha toirt onair thar cuimse gu daoine?
Tha Iehòbha a’ rabhadh an aghaidh a cur ar dòchas “ann an duine.” (Leugh Ieremiah 17:5.) Bidh feadhainn de fèillean a’ toirt onair mòr do riaghladairean no saighdearan. Bidh cuid eile a’ moladh comharran nàiseanta no neo-eisimeileachd. (1 Eòin 5:21) A thuilleadh air seo, bidh fèillean eile ag àrdachadh iomairtean sòisealta no poileataigeach. Ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn ma toireadh sinn onair thar cuimse do neach no buidhean, gu h-àraid aon a tha ag àrdachadh beachdan a tha a’ dol an aghaidh a’ mhiann Aige?
3. Dè giùlan ris nach gabhar aig tachartasan?
Tha Am Bìoball a’ dìteadh “drungaireachd, ruidhtearachd, [agus] cuirmean misgeil.” (1 Peadar 4:3) Mar pàirt de cuid tachartasan tha giùlan mì-mhoralta gun bhacadh. Ma tha sinn airson a bhith caraidean le Iehòbha, feumaidh sinn a cumail fada air falbh bho neoghlanaid mhoralta.
IONNSAICH TUILLEADH
Faigh a-mach ciamar is urrainn dhut Iehòbha a toileachadh le co-dhùnaidhean glic a dhèanamh a thaobh fèillean is tachartasan sònraichte.
4. Diùlt fèillean a tha toirt mì-onair air Iehòbha
Leugh Ephèsianaich 5:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
Dè dh’fheumas dhuinn a dèanamh airson co-dhùnaidhean cinnteach a dhèanamh mu chomharrachadh tachartasan?
Dè tha na tachartasan sònraichte a tha cumanta far a bheil thusa a’ fuireach?
A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil na tachartasan seo a’ toileachadh Iehòbha?
Mar eisimpleir, an robh thu a-riamh a’ smaoineachadh na tha Dia a’ smaoineachadh air comharrachadh co-làithean breith? Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn mu aon neach-adhraidh Iehòbha a bha a’ cumail co-là breith, ach tha e a’ clàradh mu dithis dhaoine a bha a’ cumail co-là breith, ach cha robh iad a’ frithealadh Iehòbha. Leugh Genesis 40:20-22 agus Mata 14:6-10. An uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
Dè tha aig an dà chunntas co-là breith ann an cumantas?
Bunaichte air an dà chunntas a’ Bhìobaill seo, nad bheachd-sa, ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu co-làithean breith?
Ach ’s dòcha gun saoilidh tu, ‘A bheil e gu diofar do Iehòbha ma tha mi a’ cumail co-làithean breith no tachartasan neo-sgriobtarail eile? Leugh Ecsodus 32:1-8. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.
Carson am bu chòir dhuinn a dèanamh cinnteach air na tha Iehòbha a’ gabhail ris?
Ciamar is urrainn dhuinn seo a dèanamh?
Ciamar a tha fios againn nuair a tha Dia toilichte le fèill?
A bheil e bunaichte air theagaisgean neo-sgriobtarail? Airson faighinn a-mach, rannsaich cò às a thàinig e o thùs?
A bheil e a’ toirt onair thar cuimse do dhaoine, buidhnean no comharran nàiseanta? Bidh sinn a’ toirt onair do Iehòbha tharais a h-uile càil eile agus earbsa a chur ann gun cuireadh e ceart trioblaidean an t-saoghail.
A bheil na cleachdaidhean a’ dol an aghaidh ìrean a’ Bhìobaill? Feumaidh sinn a cumail glan gu moralta.
5. Cuidich feadhainn eile a bhith spèiseil air do chreideamhan
Faodaidh e a bhith doirbh a’ seasamh an aghaidh cuideam gus a gabhail phàirt ann an tachartasan sònraichte a tha Iehòbha mì-thoilichte leis. Mìnich do co-dhùnaidhean ann an dòigh foighidneach agus modhail. Airson faicinn eisimpleir mu ciamar is urrainn dhut seo a dèanamh, cluich am BHIDIO.
Leugh Mata 7:12, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
A rèir an rann seo, am bu chòir dhut ag innse do theaghlach neo-chràbhach dè nach urrainn dhaibh a comharrachadh?
Dè is urrainn dhut a dèanamh airson a cur inntinn do theaghlach aig fois gu bheil gràdh is cùram agad dhaibh, ged nach gabh thu pàirt anns a h-uile tachartas sònraichte?
6. Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a bhith toilichte
Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a chòrdadh amannan matha le ar teaghlach is caraidean. Leugh Eclesiastes 8:15, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
Ciamar a tha an rann seo a’ sealltainn gu bheil Iehòbha ag iarraidh oirnn a bhith subhach?
Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi fealla-dhà agus amannan matha aig a’ mhuinntir aige. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar a tha seo follaiseach aig ar co-chruinneachaidhean eadar-nàiseanta.
Leugh Galàtianaich 6:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
A bheil feum oirnn air fèillean sònraichte airson a “deanamaid math?”
Nad bheachd-sa dè tha nas fheàrr—a’ toirt seachad oir tha feum ort no a’ toirt seachad oir gu bheil thu ag iarraidh?
Bidh mòran Fianaisean Iehòbha a’ cur air dòigh latha sònraichte airson na clann aca fiù ’s a’ toirt seachad prèasantan aig nach robh dùil aca. Ma tha clann agad-sa, dè tha feadhainn de na rudan sònraichte is urrainn dhut a dèanamh dhaibh?
THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil e gu diofar cò às a thàinig fèill o thùs. ’S e an rud as cudromaiche gu bheil thu còmhla ri teaghlach is caraidean.”
Dè chanas tu?
GEÀRR-IOMRADH
Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a còrdadh amannan matha le teaghlach is caraidean. Ach tha e ag iarraidh oirnn a seachnadh tachartasan nach eil e toilichte leis.
Ath-sgrùdadh
Dè na ceistean is urrainn dhut a faighneachd gus faighinn a-mach dè na tachartasan a tha Iehòbha mì-thoilichte leis?
Ciamar is urrainn dhuinn a cuideachadh ar teaghlach is caraidean a tuigsinn ar co-dhùnaidhean a rèir làithean sònraichte?
Ciamar a tha fios againn gu bheil Iehòbha ag iarraidh gum bi deagh-chraic againn agus gum bi sinn toilichte?
RANNSAICH
Meòraich air eisimpleirean de fèillean nach bi Crìostaidhean a’ comharrachadh.
“Why Don’t Jehovah’s Witnesses Celebrate Certain Holidays?” (Artaigil-lìn)
Faic ceithir adhbharan carson a tha sinn a’ creidsinn nach eil Dia toilichte co-làithean breith a chomharrachadh.
“Why Don’t Jehovah’s Witnesses Celebrate Birthdays?” (Artaigil-lìn)
Faic ciamar a dh’fhaodas clann òga aig a bheil gràdh air Iehòbha ga thoileachadh tron làithean-saora.
Tha milleanan de Chrìostaidhean air taghadh nach bi iad a’ comharrachadh na Nollaige. Ciamar a tha iad a’ faireachdainn mun co-dhùnadh seo?
“They Found Something Better” (The Watchtower, December 1, 2012)
a Faic Nòta-deiridh 5 airson ionnsachadh ciamar is urrainn dhut a dèiligeadh le suidheachaidhean a tha tighinn suas aig amannan fèille.