LEASAN 43
Dè bu Chòir do Chrìostaidhean a Smaoineachadh air Alcol?
Air feadh an t-saoghail, tha iomadh beachd eadar-dhealaichte mu deoch-làidir. Bidh feadhainn ag òl deoch bho àm gu àm le caraidean. Ach, cha bhi feadhainn eile ag òl idir. Air an làimh eile, bidh cuid ag òl gus a bhith iad air a’ mhisg. Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu deoch-làidir?
1. A bheil e ceàrr deoch-làidir ag òl?
Chan eil Am Bìoball ag ràdh gu bheil deoch-làidir ceàrr. Am measg iomadh tiodhlac bho Iehòbha, tha “fìon a nì cridhe an duine subhach.” (Salm 104:14, 15) Bha fiù ’s na fir agus boireannaich dìleas sa Bhìoball ag òl deoch-làidir.—1 Timòteus 5:23.
2. Dè a’ chomhairle a tha Am Bìoball a’ toirt seachad gu iad a tha airson ag òl?
Tha Iehòbha a’ dìteadh ag òl cus agus a bhith air a’ mhisg. (Galàtianaich 5:21) Tha Am Facal-sa ag ràdh: “Na bi am measg phòitearan fìona.” (Gnàth-fhacal 23:20) Mar sin, ma tha sinn ag òl—fiù ’s nar aonar—cha bu chòir dhuinn ag òl gu ìre far nach urrainn dhuinn a smaoineachadh gu soilleir no smachd a chumail air ar cainnt no gnìomhan, no dèan cron air ar slàinte fiosaigeach. Mura h-eil sinn soirbheachail smachd a chumail air dè tha sinn ag òl, feumaidh sinn a bhith deònach deoch-làidir a’ sgur gu tur.
3. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn spèis a rèir na co-dhùnaidhean aig feadhainn eile a thaobh deoch-làidir?
Feumaidh gach neach a co-dhùnadh ma ghabhas iad deoch-làidir. Cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìteadh cuideigin a tha ag òl gu stuama. Mura h-eil cuideigin ag iarraidh ag òl, cha bu chòir dhuinn ga chur fo chuideam ag òl. (Ròmanaich 14:10) Ma tha sinn ag òl agus ’s e adhbhar airson trioblaidean do feadhainn eile a th’ ann, cha bu chòir dhuinn ag òl. (Leugh Ròmanaich 14:21.) Cha bhi sinn a’ sireadh “a mhaith fhèin ach maith a choimhearsnaich.”—Leugh 1 Corintianaich 10:23, 24.
IONNSAICH TUILLEADH
Smaoinich air prionnsabalan a’ Bhìobaill is urrainn gad chuideachadh co-dhùnadh a dhèanamh ma ghabhas tu deoch agus dè cho mòr. Cuideachd, faigh a-mach dè is urrainn dhut a dhèanamh ma tha thu ann an strì leis an deoch.
4. Tagh ma ghabhas tu deoch
Dè bha beachd Ìosa a thaobh alcoil? Airson na freagairt a’ lorg, smaoinich air a’ chiad mìorbhailt a rinn e. Leugh Eòin 2:1-11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
Bhon mìorbhailt seo, dè tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn beachd Ìosa air deoch-làidir agus iadsan a tha ag òl?
Cha robh Ìosa a’ dìteadh deoch-làidir a ghabhail, mar sin dè beachd am bu chòir a bhith aig Crìostaidhean air cuideigin a tha ag òl deoch-làidir?
Dìreach air sgàth ’s gun urrainn Crìostaidhean ag òl deoch-làidir ge-tà, chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil e an-còmhnaidh an rud glic. Leugh Gnàth-fhacal 22:3, agus meòraich air ma ghabhas tu deoch anns na suidheachaidhean a leanas:
Ma tha thu a’ dol a draibheadh no obrachadh innealan.
Ma tha thu trom.
Ma tha an dotair a’ toirt seachad comhairle gus deoch a sgur.
Ma tha trioblaid agad smachd a chumail air a’ mheud a tha thu ag òl.
Ma tha e mi-laghail dhut alcol ag òl.
Ma tha thu còmhla ri cuideigin a tha seachnadh deoch-làidir air sgàth ’s gun robh trioblaid aige le deoch anns an ùine a dh’fhalbh.
Am bu chòir dhut alcol a frithealadh aig bainnsean no tachartasan sòisealta eile? Airson faicinn dè is urrainn gad chuideachadh co-dhùnadh a dhèanamh, cluich am BHIDEO.
Leugh Ròmanaich 13:13 agus 1 Corintianaich 10:31, 32. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:
Ciamar is urrainn a chur an gnìomh am prionnsabal seo gad chuideachadh gus Iehòbha a thoileachadh?
Feumaidh gach Crìostaidh co-dhùnadh a dhèanamh ma ghabhas e deoch-làidir. Fiù ’s ma tha e ag òl dighe-làidir aig amannan, ’s dòcha aig amannan eile, cha bhi
5. Tagh dè cho mòr a ghabhas tu
Ma thu airson deoch-làidir ag òl, cùm seo nad chuimhne: Ged nach eil Iehòbha ag ràdh gu bheil deoch-làidir ceàrr, tha e ag ràdh gu bheil e ceàrr cus ag òl. Carson? Leugh Hosèa 4:11, 18, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
Ma ghabhas cuideigin cus, dè is urrainn a tachairt?
Ciamar is urrainn dhuinn a seachnadh cus ag òl? Feumaidh sinn a bhith stuama agus mothachail air ar crìochan. Leugh Gnàth-fhacal 11:2, agus bruidhinn mun a’ cheist seo:
Carson a tha e deagh bheachd a cur crìoch soilleir air dè ghabhas tu?
6. Ceannsaich mì-fheum de deoch-làidir
Faic dè chuidich aon fhear a sgur mì-ghnàthachadh alcoil. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.
Sa bhidio, dè buaidh a thug deoch-làidir air na gnìomhan Dmitry?
Am b’ urrainn dha sgur ag òl sa bhad?
Mu dheireadh thall, ciamar an do bhris e bho ghreim dighe-làidir?
Leugh 1 Corintianaich 6:10, 11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
Dè cho trom ’s a th’ ann a’ mhisgeachd?
Dè tha sealltainn gun urrainn cuideigin a tha ag òl cus ag atharrachadh?
Leugh Mata 5:30, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
Nuair a chleachd Ìosa an dealbh de ghearradh dheth làmh, bha e a’ ciallachadh aig àmannan gum bi feum oirnn a toirt suas rudeigin airson Dia a thoileachadh. Dè is urrainn dhut a dhèanamh ma tha thu ann an strì gus deoch-làidir a cheannsachadh?a
Leugh 1 Corintianaich 15:33, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
Dè buaidh is urrainn caraidean a thoirt air an ìre a tha thu ag òl?
’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “A bheil deoch-làidir ceàrr?”
Ciamar a freagradh tu?
GEÀRR-IOMRADH
Thug Iehòbha dhuinn alcol airson ar tlachdas, ach tha e a’ dìteadh a bhith trom air an deoch agus misgeachd.
Ath-sgrùdadh
Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn alcoil?
Dè tha na cunnartan le bhith ag òl cus?
Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn spèis do na co-dhùnaidhean aig feadhainn eile a thaobh dighe?
RANNSAICH
Ciamar is urrainn deugairean co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a rèir deoch-làidir?
Lorg na ceuman is urrainn dhut a ghabhail gus trioblaidean deoch-làidir a cheannsachadh.
“Keeping Alcohol in Its Place” (The Watchtower, January 1, 2010)
Cuin agus ciamar am bu chòir pàrantan a bruidhinn ri clann mu deoch-làidir?
San sgeul “I Was a Bottomless Barrel,” faic ciamar a leig suas aon fhear ‘binge drinking’.
a Is dòcha gum bi feum aig iad a tha trom air an deoch cuideachas proifeiseanta fhaighinn gus greim dighe a briseadh. Tha mòran dotair a’ moladh nach bu chòir iad a tha trom air an deoch ag òl idir.