Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • fg leasan 10 ceistean 1-4
  • Ciamar ag Aithneachadh tu an Adhradh a tha Fìor?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Ciamar ag Aithneachadh tu an Adhradh a tha Fìor?
  • Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Stuth Coltach Ris
  • Ciamar a Lorgas Mi an Creideamh Fìor?
    Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
  • Dè an Deagh-naidheachd mu Chreideamh?
    Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Ciamar a Tha Creideamh Fallsa a’ mì-Stiùireadh Dhaoine
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
fg leasan 10 ceistean 1-4

LEASAN 10

Ciamar ag Aithneachadh tu an Adhradh a tha Fìor?

1. A bheil dìreach aon chreideamh fìor ann?

Ìosa a’ teagaisg

“Thoiribh an aire dha na fàidhean brèige.”—MATA 7:15.

Theagaisg Ìosa na luchd-leantainn mu aon chreideamh, an creideamh fìor. Tha e mar rathad gu beatha mhaireannach. Thuirt Ìosa: “is gann iadsan a tha ga lorg” an rathad sin. (Mata 7:14) Tha Dia deònach a’ gabhail adhraidh a tha stèidhichte air Am Facal-sa a-mhàin. Tha a h-uile luchd-adhraidh aonaichte leis an aon chreideamh.—Leugh Eòin 4:23, 24; 14:6; Ephèsianaich 4:4, 5.

Seall air a’ bhideo A Bheil Dia a’ Gabhail ri Gach Seòrsa Adhraidh?

2. Dè thuirt Ìosa mu na Crìostaidhean-brèige?

Ceannard cràbhach a’ bruidhinn ann an eaglais. Nas fhaide a’ toirt beannachdan dha saighdearan ann an cogadh.

“Tha iad a’ tagradh gun aithne dhaibh Dia, ach nan gnìomhan tha iad ga àicheadh.”—TÌTUS 1:16.

Thug Ìosa rabhadh gum biodh na fàidhean brèige a’ truailleadh Crìostachd. Air an taobh a-muigh tha iad a’ coimhead mar luchd-adhraidh fìor. Tha na h-eaglaisean ag ràdh gu bheil iad uile Crìostail, ach an aithnich thu dè tha iad gu deimhinn? Ciamar an dèan thu seo? ’S e dìreach adhradh fìor a tha an toradh de Crìostaidhean aig a bheil buadhan agus dòighean so-aithneachail.—Leugh Mata 7:13-23.

3. Ciamar an aithnich thu fìor luchd-adhraidh?

Smaoinich air na còig comharran seo:

  • Tha urram aca gu bheil Am Bìoball Facal Dhè.Tha iad ag obair gu cruaidh ri fuireach le na prionnsabalan aige. Air sgàth seo, tha an creideamh fìor dìofraichte bhon creideamh a tha stèidhichte air beachdan dhaoine. (Mata 15:7-9) Bidh luchd-adhraidh fìor gnìomh a’ dhèanamh a rèir am faclan.—Leugh Eòin 17:17; 2 Timòteus 3:16, 17.

  • Crìostaidh a’ toirt seachad òraid. Nas fhaide tha e a’ searmonachadh mun Rìoghachd Dhè, a chuideachadh nuair a thig tubaistean mòra  agus le daoine aosda.

    Tha onair aig luchd-Ìosa airson ainm Dhè, Iehòbha. Nuair a bhruidhinn Ìosa mun ainm Dhè, sheall esan onair air a shon. Chuidich e daoine a bhith a fàs eòlach air Dia agus theagaisg e ciamar a dhèanadh iad ùrnaigh gum bidh an t-ainm Dhè naomhachadh. (Mata 6:9) Far a bheil thusa a’ fuireach, dè an creideamh a tha ainmeachadh an t-ainm Dhè?—Leugh Eòin 17:26; Ròmanaich 10:13, 14.

  • Bidh Chrìostaidhean fìor a’ searmonachadh mun Rìoghachd Dhè. Chuir Dia Ìosa dhan talamh airson searmonachadh mun a Rìoghachd. Tha an Rìoghachd Dhè an aon dòchas a-mhàin airson mac an duine. Bha Ìosa a’ bruidhinn mun Rìoghachd chun an latha a bhàsaich e. (Lùcas 4:43; 8:1; 23:42, 43) Thuirt e gum bi na deisciobail a’ searmonachadh mu deidhinn. Ma thigeadh cuideigin dhut a bhruidhinn mun a Rìoghachd Dhè, an saoil thu dè an creideamh a th’aige?—Leugh Mata 24:14.

  • Chan eil luchd-Ìosa pàirt den t-saoghal olc seo. Faodaidh tu gan aithneachadh leis a’ dhòigh nach eil iad a’ gabhail pàirt ann an rudan poileataigeach no strì sòisealta sam bith. (Eòin 17:16; 18:36) Cuideachd, chan eil iad a’ leantainn na cleachdaidhean cronail agus droch-beachdan an t-saoghail seo.—Leugh Sheumais 4:4.

  • Tha gràdh mòr aca dha chèile. Bidh iad ag ionnsachadh bho Am Facal Dhè urram a sealltainn do buidhnean eitnigeach de gach seòrsa. Ged a tha creidheamhan fallsa a’ thoirt taic gu cogaidhean na nàiseanan, chan eil luchd-adhraidh fìor a gabhail pàirt. (Micah 4:1-3) Air an làimh eile, bidh Crìostaidhean neo-fhèineil a’ cleachdadh na goireasan agus tìde aca airson a chuideachadh daoine eile.—Leugh Eòin 13:34, 35; 1 Eòin 4:20.

4. Ciamar an aithnich tu an creideamh a tha fìor?

Dè an creideamh aig a bheil na teagaisg stèidhichte air Am Facal Dhè, a tha sealltainn onair airson ainm Dhè agus a’ tagradh gu bheil Rìoghachd Dhè an aon dòchas aig mac an duine? Dè am buidheann a tha sealltainn gràidh agus a’ diùltadh cogaidh? Dè do bheachd?—Leugh 1 Eòin 3:10-12.

Airson barrachd fìosrachaidh, faic caibideil 15 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share