LEASAN 11
Ciamar am Buannaich Sinn bho Prionnsabalan a’ Bhìoball?
1. Carson a tha feum againn airson stiùiridh?
Ciamar a bhios prionnsabalan a’ Bhìoball a’ toirt buaidh oirnn a bhith dìcheallach le sàbhailteachd?—SALM 36:9.
Tha Ar Chruithear nas glice na sinne. Mar Athair gràdhach, tha cùram aige dhuinn. Cuideachd, cha robh e ag iarraidh sinn a bhith neo-eisimeileach. (Ieremiah 10:23) Dìreach mar a tha feum aig balach beag air stiùireadh bho pàrantan, tha feum againn uile air an stiùireadh aig Dia. (Isaiah 48:17, 18) Tha prionnsabalan a’ Bhìobaill tìodhlac à Dhia.—Read 2 Timòteus 3:16.
Tha na laghan agus prionnsabalan aig Iehòbha a’ teagaisg dhuinn mun dòigh-beatha as fheàrr an-dràsta agus ciamar a gheibh sinn duaisean maireannach san àm ri teachd. Air sgàth ’s gu bheil sinn cruthaichte le Dia, nach eil e ceart gum bi sinn taingeil airson an stiùiridh seo?—Leugh Salm 19:7, 11; Taisbeanadh 4:11.
2. Dè tha na prionnsabalan a’ Bhìobaill?
Tha prionnsabalan a’ Bhìobaill fìrinnean bunaiteach. Air an làimh eile, ‘s dòcha gum bi laghan cleachdte airson suidheachaidhean sonraichte. (Deuteronomi 22:8) Feumaidh sinn a cleachdadh dòigh-smaoineachaidh airson tuigsinn ciamar a chleachdas sinn prionnsabal san dòigh ceart. (Gnàth-fhacail 2:10-12) Mar eisimpleir, tha am Bìoball a’ teagaisg gur e tìodhlac bho Dhia a tha beatha. Tha am prionnsabal bunaiteach seo a’ toirt dhuinn stiùiridh nuair a tha sinn ag obair, aig an taigh agus nuair a tha sinn air cuairt. Tha e ag innse dhuinn a bhith a’ cumail sàbhailte.—Leugh Gnìomharan 17:28.
3. Dè an dà phrìomh phrionnsabal as cudromaiche?
Bhruidhinn Ìosa mu dà phrionnsabal a tha fìor chudromach. Tha a’ chiad fhear ag innse dhuinn mun adhbhar airson beatha mac an duine—a bhith eòlach air Dia, a bhith gràdhach agus ga fhrithealadh gu dileas. Bu chòir dha a’ chiad phrionnsabal a toirt buaidh air a h-uile co-dhùnadh a nì sinn. (Gnàth-fhacail 3:6) Bidh an fheadhainn aig a bheil am prionnsabal seo anns a’ chridhe, a’ faighinn càirdeas ri Dia, fìor thoileachas, agus beatha gu bràth.—Leugh Mata 22:36-38.
’S urrainn an dàrna prionnsabal a thoirt dhuinn stiùireadh gu dàimh sìtheil le daoine eile. (1 Corintianaich 13:4-7) Ma chuireas sinn an gnìomh an dàrna prionnsabal seo, bidh sinn ag atharrais an dòigh a tha Dia a’ dèiligeadh ri daoine.—Leugh Mata 7:12; 22:39, 40.
4. Ciamar am buannaich sinn bho prionnsabalan a’ Bhìoball?
Tha prionnsabalan a’ Bhìobaill a’ teagaisg teaghlaichean ciamar a bhios iad aonaichte le gaol. (Colosianaich 3:12-14) Dìonaidh Am Facal Dhè teaghlaichean le aon phrionnsabal stiùireach eile—bu chòir pòsadh a bhith maireannach.—Leugh Genesis 2:24.
Nuair a leanas sinn labhairt a’ Bhìobaill, ’s urrainn dhuinn dìonachadh ar sunnd corporra agus faireachail. Mar eisimpleir, is fheàrr le luchd-fastaidh daoine a tha fuireach le prionnsabalan onaireach agus dìcheallach. (Gnàth-fhacail 10:4, 26; Eabhraidhich 13:18) Cuideachd tha Am Facal Dhè teagaisg dhuinn gum bi sinn sona leis na rudan a tha feumail agus a cur càirdeas ri Dia anns a’ phrìomh àite, os cionn stuthan fiosaigeach.—Leugh Mata 6:24, 25, 33; 1 Timòteus 6:8-10.
Dìonaidh prionnsabalan a’ Bhìobaill ar slàinte. (Gnàth-fhacail 14:30; 22:24, 25) Mar eisimpleir, a thaobh deoch làidir, tha na laghan aig Dia a’ toirt dìon bho galaran-bàis agus tubaistean. (Gnàth-fhacail 23:20) Tha cead againn bho Iehòbha ag òl deoch-làidir, ach chan eil e ag iarraidh gum bi sinn ag òl cus. (Salm 104:15; 1 Corintianaich 6:10) Ionnsaichidh sinn bho prionnsabalan Diadhaidh ciamar am buannaich sinn bho na rudan a tha sinn a’ dèanamh agus na smuaintean againn. (Salm 119:97-100) Ach, cha bhi fìor Chrìostaidhean a’ dèanamh seo dìreach dhaibh fhèin. Tha iad a’ deànamh an leithid seo airson onair a sealltain do Iehòbha.—Leugh Mata 5:14-16.