Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • fg leasan 9 ceistean 1-5
  • Ciamar a Bhios ur Teaghlach Toilichte?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Ciamar a Bhios ur Teaghlach Toilichte?
  • Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Stuth Coltach Ris
  • Ciamar is Urrainn Do Theaghlach a Bhith Sona?​—Pàirt 1
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
fg leasan 9 ceistean 1-5

LEASAN 9

Ciamar a Bhios do Theaghlach Toilichte?

1. Carson a tha pòsadh cudromach airson teaghlaichean?

Fir is Boireannach a clàradh am pòsaidh aca gu laghail

Tha an deagh-naidheachd a’ tighinn bho Iehòbha, an Dia toilichte, a tha ag iarraidh teaghlaichean a bhith toilichte. (1 Timòteus 1:11, NWT) Chruthaich Dia pòsadh. Tha pòsadh laghail cudromach airson toilicheas teaghlaich air sgàth ’s gu bheil e a’ toirt àite sàbhailte airson clann a thogail. Bu chòir dha Crìostaidhean meas a gabhail le laghan ionadail mu clàradh-pòsaidh.—Leugh Lùcas 2:1, 4, 5.

Dè am beachd aig Dia air Pòsadh? Tha e ag iarraidh pòsadh a bhith aonadh maireannach, eadar fear agus boireannach. Tha Iehòbha ag iarraidh duine agus bhean a bhith dìleas da-chèile. (Eabhraidhich 13:4) Cha bu toil leis sgaradh idir. (Malachi 2:16) Ach tha e a’ toirt cead ma tha adhaltranas a’ tachairt.—Leugh Mata 19:3-6, 9.

2. Ciamar a sheallas duine is bean cùram ri chèile?

Fear agus bean-phòsta toilichte

Chruthaich Iehòbha fir agus boireannaich a bhith cairdean co-phàirteach ann am pòsadh. (Genesis 2:18) Mar ceann an teaghlaich, bu chòir dha duine a dol a dh’obair airson an teaghlaich agus teagaisg dhaibh mu Dhia. Bu chòir dha a bhith a sealltainn fèin-ìobairt leis a ghaol aige airson a mnà. Bu chòir dhaibh meas a thoirt dha chèile. Tha mathanas an rud as cudromaiche sa phòsadh air sgath ’s gu bheil fir agus boireannaich neo-iomlan.—Leugh Ephèsianaich 4:31, 32; 5:22-25, 33; 1 Peadar 3:7.

3. Am bu chòir dhuibh a fàgail pòsadh mi-thoilichte?

Ma tha duilgheadasan anns a’ phòsadh agaibh, bu chòir an dà chuid dhuibh ag obair air dèiligeadh le gaol. (1 Corintianaich 13:4, 5) Cha bhi am Facal Dhè a’ moladh sgaradh-pòsaidh airson dòigh a chuir trioblaidean cumanta ceart.—Leugh 1 Corintianaich 7:10-13.

4. A Chlann, dè tha Dia ag iarraidh air ur son?

Pàrantan a’ cuideachadh an cloinne aca aig an taigh

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi sibh toilichte.Tha e a’ toirt dhuibh a chomhairle as fheàrr air ciamar a mealladh sibh ur beatha nuair a tha sibh òg. Tha e ag iarraidh gum faigh sibh beannachdan bhon gliocas agus gnàth-eòlas ur phàrantan. (Colosianaich 3:20) Tha ur Cruithear ag iarraidh aoibhneas a bhith agaibh nuair a nì sibh rudan air a shon agus a Mhac.—Leugh Eclesiastes 11:9–12:1; Mata 19:13-15; 21:15, 16.

5. A Phàrantan, ciamar a gheibh ur clann toileachas?

Pàrant a bhruidhinn ri balach aige

Feumaidh sibh ag obair gu cruaidh airson biadh, taighean agus aodaich fhaighinn airson ur chlann. (1 Timòteus 5:8) Ach airson ur clann toileachas a lorg, feumaidh sibh gan teagaisg gràdh a bhith aca air Dia agus ag ionnsachadh bhuaithe. (Ephèsianaich 6:4) Nuair a tha sibhse a’ sealltainn gràdh air Dia, s’ urrainn an eisimpleir agaibh a thoirt buaidh air cridhe ur chlann. Nuair a tha ur stiùireadh stèidhichte air am Facal Dhè, bidh e a’ cruthachadh na smuaintean aig a’ chlann agaibh ann an dòigh mhath.—Leugh Deuteronomi 6:4-7; Gnàth-fhacail 22:6.

Gheibh clann buaidh nuair a bhith sibh gan brosnachadh, ach uaireannan dh’fheumas iad smachd agus ceartachadh. Tha an trèanadh sin a’ dìonadh iad bho beusan a bhith a’ toirt air falbh an toileachas aca. (Gnàth-fhacail 22:15) Ach, cha bu chòir an smachd seo a bhith ro chruaidh fiù’s borb.—Leugh Colosianaich 3:21.

Tha Fianaisean Iehòbha a’ foillseachadh iomadh leabhraichean ann am Beurla a tha sgrìobhadh airson pàrantan agus chlann a chuideachadh. Tha na leabhraichean seo stèidhichte air a’ Bhìoball.—Leugh Salm 19:7, 11.

Airson barrachd fìosrachaidh, faic caibideil 14 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share