Dè th’ anns an Anam?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha am facal “anam” anns a’ Bhìoball na eadar-theangachadh den fhacal Eabhrais neʹphesh agus am facal Greugais psy·kheʹ. Tha am facal Eabhrais gu litireil a’ ciallachadh “creutair a tha a’ gabhail anail” agus tha am facal Greugais a’ ciallachadh “creutair beò.”a Mar sin, ’s e an creutair gu lèir a th’ anns an anam, chan e rudeigin nar broinn a tha beò às dèidh bàis a’ chorp. Meòraich air ciamar a tha Am Bìoball a’ sealltainn gur e an t-anam an duine gu lèir:
Cha deach anam a thoirt do Adhamh—“dh’fhàs e na anam beò”
Nuair a chruthaich Dia Iehòbha a’ chiad duine, Adhamh, tha Am Bìoball ag ràdh gun do “dh’fhàs an duine na anam beò.” (Genesis 2:7) Cha deach anam a thoirt do Adhamh—dh’fhàs e na anam beò, no pearsa.
Tha Am Bìoball ag innse dhuinn gun urrainn an t-anam ag obair, ag iarraidh biadh, ithe, a leantainn laghan agus a cur làimh air corp mairbh. (Lebhiticus 5:2; 7:20; 23:30; Deuteronomi 12:20; Ròmanaich 13:1) Tha an duine gu lèir an sàs na gnìomhan sin.
A bheil an t-anam maireannach?
Chan eil, faodaidh an t-anam bàsachadh. Tha tòrr rannan a’ Bhìobaill ag ràdh gu bheil an t-anam neo-mhaireannach. Sùil air na h-eisimpleirean seo:
“An t-anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs.”—Eseciel 18:4, 20.
Tha Am Bìoball ag ràdh: “gearrar an t-anam sin as.” Ann an Israeil aosmhor, bha seo am peanas airson na h-oilbheuman as motha. (Ecsodus 12:15, 19; Lebhiticus 7:20, 21, 27; 19:8) Bhiodh an duine seo a’ cur “gu cinnteach gu bàs.”—Ecsodus 31:14.
Ged a tha mòran eadar-theangachaidhean a’ Bhìobaill a’ cleachdadh na h-abairtean “cuirp mhairbh” no “chorp marbh,” tha an cànan tùsail Eabhrais a’ cleachdadh am facal neʹphesh, no “anam.” (Lebhiticus 21:11; Àireamh 6:6)
Faodaidh “anam” a ciallachadh “beatha”
Tha Am Bìoball cuideachd a’ cleachdadh am facal “anam” airson “beatha.” Mar eisimpleir, tha Iob 33:22 a’ cleachdadh am facal Eabhrais airson “anam” (neʹphesh) gus “beatha” a chiallachadh. San aon dòigh, tha Am Bìoball a’ sealltainn gun urrainn anam no beatha, a bhith air a chur ann an cunnart no bhith air a chall.—Ecsodus 4:19; Britheamhan 9:17; Philipianaich 2:30.
Nuair a tha am facal “anam” air a chleachdadh san dòigh seo, tha e gar cuideachadh a bhith a’ tuigsinn rannan far a bheil iad ag ràdh gu bheil an t-anam “a’ dealachadh.” (Genesis 35:18) Tha seo a’ ciallachadh gu bheil beatha cuideigin a’ tighinn gu crìoch. Tha an rann seo cuideachd ag innse dhuinn gun “fhuair i bàs.”
Càit a bheil creideamh ann an anam maireannach a’ tighinn?
Tha buidhnean Crìostaidh a tha a’ creidsinn ann an anam maireannach a’ faighinn an teagasg seo, chan ann às a’ Bhìoball, ach bho fheallsanachd Greugais aosmhor. Tha an Encyclopædia Britannica ag ràdh: “Tha reifreansan bìoballach dhan anam ceangailte ri bun-bheachd anail agus chan eil iad a’ dèanamh eadar-sgarachadh eadar an t-anam spioradail agus an corp fiosaigeach. ’S ann bho Ghreugais aosmhor a tha beachdan Crìostaidh gu bheil corp agus anam gu tur eadar-dhealaichte.”
Chan eil Dia toilichte nuair a tha duine a’ measgachadh teagasgan aige le feallsanachd duine, mar eisimpleir creideamh ann an anam maireannach. Tha Am Bìoball a’ toirt an rabhadh seo dhuinn: “Dèanaibh cinnteach nach toir duine sam bith am bruid sibh le feallsanachd is mealltaireachd fhalamh, a rèir dualchais dhaoine.”—Colosianaich 2:8.
a Faic The New Brown, Driver, and Briggs Hebrew and English Lexicon of the Old Testament, duilleag 659, agus an Lexicon in Veteris Testamenti Libros, duilleag 627. Tha tòrr eadar-theangachaidhean a’ Bhìobaill ag eadar-theangachadh na faclan neʹphesh agus psy·kheʹ gu diofaraichte a rèir an co-theacsa, a’ cleachdadh faclan mar “anam,” “beatha,” “duine,” “creutair,” no “corp.”