Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • wp21 Àir. 2 tdd 4-6
  • An Tig an Saoghal Seo gu Crìoch?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • An Tig an Saoghal Seo gu Crìoch?
  • An Tùr na Faire A’ Cur an cèill na Rìoghachd Iehòbha (Poblach)—2021
  • Fo-liosta
  • Stuth Coltach Ris
  • Dè Nach Tig gu Crìoch?
  • Dè Bhios a’ Crìochnachadh?
  • DÈ THA DHÌ OIRNN AGUS CARSON—Deireadh an Riaghladh Mac an Duine
  • An Tèid An Talamh gu Sgrios?
    Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
An Tùr na Faire A’ Cur an cèill na Rìoghachd Iehòbha (Poblach)—2021
wp21 Àir. 2 tdd 4-6
Teaghlach toilichte ag ithe air an taobh a-muigh. Athair a cuir biadh air a bhòrd.

An Tig an Saoghal Seo gu Crìoch?

’S dòcha gu bheil fios agad gu bheil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheireadh an t-saoghail. (1 Eòin 2:17) A bheil seo a’ ciallachadh nach bidh mac an duine ann tuilleadh? Am bidh ar planaid neo-bheòthail no a dol gu sgrios?

THA FREGAIRT A’ BHÌOBAILL DE AN DÀ CHEIST SEO, CHA BHI!

Dè Nach Tig gu Crìoch?

MAC AN DUINE

Tha Am Bìoball ag ràdh: “Cha do chruthaich e gu dìomhain [na talmhainn], dhealbh e e gu bhith air àiteachadh.”—ISAIAH 45:18.

Loch le beantainn agus coille mun cuairt.

AN TALAMH

Tha Am Bìoball ag ràdh: “Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.”—ECLESIASTES 1:4.

THA SEO A’ CIALLACHADH: Cha tèid an talamh gu sgrios, thuirt Am Bìoball, gum bi mac an duine ann gu bràth tuilleadh. Mar sin, dè tha crìoch an t-saoghail a’ ciallachadh?

SMAOINICH: Tha Am Bìoball a’ dèanamh coimeas mu dheireadh an t-saoghail a tha fhathast ri thighinn agus dè thachair sna làithean Nòah. Aig an àm sin, bha an talamh “air a lìonadh le fòirneart.” (Genesis 6:13) Ach, bha Nòah fìreantach ge-tà. Mar sin shàbhail Dia Nòah agus a theaghlach, ach bheir e sgrios air an fheadhainn olc leis an Tuil Mhòr. A’ bruidhinn mun àm sin, thuirt Am Bìoball “leis an robh an saoghal aig an àm sin air a sgrios le dìle uisge.” (2 Peadar 3:6) Bha sin deireadh de saoghal. Ach, dè bha air sgriosta? Cha robh e An Talamh ach na daoine olc a bha fuireach ann. Mar sin, nuair a tha Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheireadh an t-saoghail, chan eil e a’ ciallachadh sgrios am planaid. Tha e a’ bhruidhinn mu daoine olc agus an siostam a tha iad air chuir ri chèile air An Talamh.

Dè Bhios a’ Crìochnachadh?

TRIOBLAIDEAN AGUS OLC

Tha Am Bìoball ag ràdh: “Oir fhathast tamall beag, agus cha bhi an t-aingidh ann; seadh, bheir thu fa-near a àite-san, agus cha bhi e ann. Ach mealaidh daoine macanta an talamh, agus gabhaidh iad tlachd ann am meud na sìth.”—SALM 37:10, 11.

Collage: 1. Meàrlaich le clò aodann, a tighinn a-mach a bhùth le stuth a ghoid iad. 2. Fir a toirt airgead ri fir eile.

THA SEO A’ CIALLACHADH: Cha do chuir an Tuil sna làithean Nòah crìoch air olc gu tur. As dèidh an Tuil, dh’ èirich daoine uilc suas a-rithist a rinn cron air a h-uile duine. A dh’aithgheàrr, cuiridh Dia stad air olc. Mar a thuirt sgrìobhadair an t-salm: “Cha bhi an t-aingidh ann.” Cuiridh Dia stad air olc leis an Rìoghachd aige—riaghaltas a tha riaghladh o neàmh tharais muinntir fhìreantachd.

SMAOINICH: Am bidh riaghladairean nan saoghal an-dràsta deònach taic a thoirt dhan Rìoghachd Dhè. Tha Am Bìoball ag ràdh nach bidh. Gun chiall, bidh iad an aghaidh na Rìoghachd Dhè, agus dè thachras? (Salm 2:2) Bidh Rìoghachd Dhè na h-àite riaghaltasan mac an duine, agus “seasaidh i gu sìorraidh.” (Daniel 2:44) Ach carson a tha feum air riaghladh mac an duine a thighinn gu crìch?

DÈ THA DHÌ OIRNN AGUS CARSON—Deireadh an Riaghladh Mac an Duine

Tha Am Bìoball ag ràdh: “Chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh.”—IEREMIAH 10:23.

Daoine a coiseachd seachad pòstairean politaigeach.

THA SEO A’ CIALLACHADH: Cha robh mac an duine air cruthachadh airson riaghladh iad fhèin. Chan eil iad math air riaghladh daoine eile agus a cuir ceart na trioblaidean aca.

SMAOINICH: Tha am Britannica Academic ag ràdh nach urrainn do riaghaltasan “a’ làimhseachadh le nàmhaidean mar bochdainn, acras, galar, mòr-thubaist nàdurrach, agus cogadh no fòirneart.” Tha e an uairsin a’ leantainn: “Tha cuid. . . a’ chreidsinn nach urrainn ach seòrsa de riaghaltas an t-saoghail slighe mhòr a dhèanamh an aghaidh nan uilc sin.” Ach, ged a bhiodh riaghaltasan daoine uile ag aontachadh, bhiodh an saoghal fhathast air a riaghladh le daoine neo-fhoirfe nach urrainn faighinn tharais air na duilgheadasan a chaidh ainmeachadh gu h-àrd. Is i Rìoghachd Dhè an aon riaghaltas aig a bheil cumhachd ceartachadh na duilgheadasan na cruinne gu mhaireannach.

Mar sin, mar a tha Am Bìoball ag ràdh, chan fheum daoine math a bhith eagalach mu crìch an t-saoghail—an siostam olc a tha an seo an-dràsta. Na h-àite, faodaidh sinn a coimhead air adhart le dòchas gu saoghal mìorbhaileach ùr fo Rìoghachd Dhè!

Cuin a thachras seo? Innsidh an ath-artaigil dhut am freagairt bhon a’ Bhìobaill.

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share