Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • fg leasan 4 ceistean 1-5
  • Cò Tha Ìosa Crìost?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Cò Tha Ìosa Crìost?
  • Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Stuth Coltach Ris
  • Ciamar a tha Bàs Ìosa gar Sàbhaladh?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
  • Carson a bhàsaich Ìosa?
    Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt
Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
fg leasan 4 ceistean 1-5

LEASAN 4

Cò Tha Ìosa Crìost?

1. Ciamar a thòisich beatha Ìosa?

1. Ìosa anns na nèamhan; 2. An Leanabh Ìosa còmhla ri Moire is Iòsaph; 3. Ìosa a’ teagaisg chlann

Dè na buadhan is toigh leinn a bh’aig Ìosa?—MATA 11:29; MARCUS 10:13-16.

Neo-choltach ris a h-uile duine eile, dh’fhuirich Ìosa anns na nèamhan na h-aingeal aig an toiseach, an uair sin bha e air bhreith air an talamh. (Eòin 8:23) Bha e a’ chiad chruthachadh aig Dia, agus chuidich e le chruthachadh a h-uile càil eile.Tha esan an t-aon fear air chruthachadh dìreach le Iehòbha. Air sgath sin, tha e air ainmicheadh an “Aonghin” Mhic. (Eòin 1:14) Air sgath gu bheil Ìosa an Neach-labhairt aig Dia, tha e air ainmicheadh “Am Facal.”—Leugh Gnàth-fhacail 8:22, 23, 30; Colosianaich 1:15, 16.

2. Carson a thàinig Ìosa dhan talamh?

Ghluais Dia beatha a Mhac gu bhith am broinn òighe Iùdhach, am maighdinn Moire, a bha air an talamh. Air sgath seo cha robh athair mac an duine aig Ìosa. (Lùcas 1:30-35) Thàinig Ìosa dhan talmhainn (1) airson teagaisg an fhìrinn mu Dhia, (2) airson a shealladh eisimpleir ciamar an dèan sinn am miann Dhè nuair a tha am beatha againn duilich, agus (3) airson am beatha foirfe aige a thoirt mar èirig.—Leugh Mata 20:28.

3. Carson a tha feum againn air èirig?

Tha èirig pris a tha air phàigheadh airson saorsa duine bho bàsachadh. (Ecsodus 21:29, 30) Cha robh bàs agus seann aois pàirt den miann Dhè aig an toiseach. Ciamar a tha fìos againn air seo? Thuirt Dia ri Adhamh, a chiad duine, ma nì e na rudan a tha Am Bìoball air ainmichear “peacadh,” bhàsaicheas e. Mura pheacadh Adhamh, cha bhiodh e idir a bhàsachadh. (Genesis 2:16, 17; 5:5) A rèir Am Bìoball, thàinig bàs a-steach dhan t-saoghal mac an duine troimh Adhamh. Air sgath seo, thug Adhamh dhan sliochd aige am peanas, bàs. Tha feum againn air èirig airson saorsa againn fhìn bhon peanas bàis a fhuair sinn bho Adhamh.—Leugh Ròmanaich 5:12; 6:23.

Cò ’s urrain a phàigheadh an èirig gum biodh sinn saor bho bàs? Nuair a bhàsaicheas sinn, bidh sinn a phàigheadh a’ pheanas airson na peacaidhean againn fhìn. Cha b’urrain do dhuine neo-foirfe phàigheadh airson peacaidhean aig feadhainn eile.—Leugh Salm 49:7-9.

4. Carson a Bhàsaich Ìosa?

Ìosa a’ bàsachadh air an stac agus an uair sin air chuir air ais gu beatha agus a’ riaghladh na Rìgh anns na nèamhan

Ged nach eil sinne foirfe, bha Ìosa, gun teagamh. Air sgàth sin cha robh feum aige bàsachadh airson nam peacaidhean aige, oir cha do rinn e càil a bha peacach. An àite sin, bhàsaich Ìosa airson nam peacaidhean aig feadhainn eile. Sheall Dia gràdh luachmhor dha mac an duine nuair a thug e a mhac gum bhàsaich e dhuinne. Sheall Ìosa gràdh dhuinn nuair a bha e umhail ris an athair agus am beatha a thoirt airson nam peacaidhean againn.—Leugh Eòin 3:16; Ròmanaich 5:18, 19.

Seall air a’ bhideo Carson a bhàsaich Ìosa?

5. Dè tha Ìosa a’ dèanamh an-dràsta?

Nuair a bha Ìosa air an talamh, shlànaich Ìosa daoine a bha tinn, thog e na marbh le aiseirigh agus chuidich e an fheadhainn a bha na fulang. Le seo sheall e dè bha e a’ dol a dhèanamh san àm ri teachd airson mac an duine a tha umhail. (Mata 15:30, 31; Eòin 5:28) As dèidh bàis Ìosa, dh’eirich Dia e gu beatha na pearsa spioraid anns na nèamhan. (1 Peadar 3:18) An uair sin dh’fhuirich Ìosa aig an deas-làimh Dhè gus an t-àm a thug Iehòbha dha cumhachd mar Rìgh airson riaghladh os cionn an t-saoghail. (Eabhraidhich 10:12, 13) A-nis tha Ìosa a’ riaghladh mar Rìgh anns na nèamhan, agus tha an luchd-leantainn aige a’ searmonachadh na deagh-naidheachd seo air feadh an t-saoghail.—Leugh Daniel 7:13, 14; Mata 24:14.

A dh’aithgheàrr, bidh Ìosa a’ cleachdadh a chumhachd rìoghail airson a chur ceart a h-uile fulaing agus an fheadhainn a tha ga dhèanamh. Gheibh na daoine le creideas agus a tha umhail ri Ìosa beatha dòigheil ann am pàrras air an talamh.—Leugh Salm 37:9-11.

Airson barrachd fìosrachaidh, faic caibideil 4 agus 5 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share