Cò na h-ainmean a tha sgrìobhte ann an “Leabhar na Beatha”?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha na h-ainmean de dhaoine leis an dòchas beatha mhaireannach ri fhaighinn anns an “leabhar na beatha,” a tha cuideachd air ainmeachadh “leabhar cuimhne.” (Taisbeanadh 3:5; 20:12; Malachi 3:16) Bidh Dia a’ dearbhadh na h-ainmean a rèir an ùmhlachd dìleas a th’ aig daoine dha.—Eòin 3:16; 1 Eòin 5:3.
Tha Dia air a chumail gach seirbheiseach dìleas na chuimhne, mar gum biodh e a’ sgrìobhadh na h-ainmean sìos ann an leabhar, bho “thoiseach an t-saoghail.” (Taisbeanadh 17:8) Tha e coltach gur e Abel a’ chiad duine a chaidh a chlàradh ann an leabhar na beatha. (Eabhraich 11:4) Chan e dìreach liosta mì-phearsanta a th’ ann ge-tà, oir tha leabhar na beatha a’ sealltainn gur e Dia gràdhach a th’ ann an Iehòbha agus “is aithne dhan Tighearna iadsan a tha leis fhèin.”—2 Timòteus 2:19; 1 Eòin 4:8.
An urrainn ainmean a bhith air an toirt a-mach às “leabhar na beatha”?
’S urrainn. Thuirt Dia a thaobh daoine eas-umhail ann an Israel: “Ge bè a pheacaich am aghaidh, esan dubhaidh mi a-mach as mo leabhar.” (Ecsodus 32:33) Ach ma tha sinn a’ sealltainn gu bheil sinn dìleas, cumaidh sinn ar n-ainm ann an “leabhar na beatha.”—Taisbeanadh 20:12.