Chan eil Mi A’ faireachdainn Math mu Mo Bheatha—An Urrainn Creideamh, Dia, no Am Bìoball mo Chuideachadh?
Freagairt a’ Bhìobaill
’S urrainn. Tha Am Bìoball, leabhar gliocas aosmhor, a’ nochdadh freagairtean do cheistean mòra mu bheatha agus is urrainn do chuideachadh faireachdainn nas fheàrr agus sonas a lorg. Saoil air cuid de na cheistean a tha e a freagairt.
A bheil Cruithear ann? Tha Am Bìoball ag ràdh gun do chruthaich Dia “a h-uile sìon.” (Taisbeanadh 4:11) Mar ar Cruithear, tha fios aig Dia de a tha dhìth oirnn gus faireachdainn math nar beatha agus sonas a lorg.
A bheil cùram aig Dia orm? An àite a bhith a’ sealltainn gu bheil Dia fada bhuainn, tha Am Bìoball ag ràdh “nach eil e fada o gach aon againn”. (Gnìomhan 17:27) Tha ùidh mòr aige air dè thachras dhut agus gum bi beatha soirbheachail agad.—Isaiah 48:17, 18; 1 Peadar 5:7.
Ciamar a dh’fhaodas eòlas air Dia mo chuideachadh a faireachdainn nas fhèarr? Chruthaich Dia sinn le dhìth spioradail, miann làidir gus ciall na beatha a thuigsinn. (Mata 5:3) An lùib na dhith spioradail a th’ againn, tha miann gus a fàs eòlach air ar Cruithear agus dàimh a bhith againn ris. Tha Dia a cur fàilte ort a fàs dlùth ris, oir tha Am Bìoball ag ràdh: “Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh esan ribhse.”—Sheumais 4:8.
Tha milleanan de dhaoine air an lorg gu bheil càirdeas a’ togail le Dia air cuideachadh dhaibh a faireachdainn nas fheàrr nam beathan agus sonas a lorg. Ged nach bi eòlas air Dia a’ ciallachadh beatha gun trioblaidean, faodaidh gliocas a’ Bhìobaill do chuideachadh gus
Beatha theaghlach sona a bhith agad.
Sìth le feadhainn eile a lorg.
Dèiligeadh le trioblaidean mar trom-inntinn, iomgaineach mu airgead, agus tinneas leantainneach.
Cha bhi mòran creidheamhan a tha cleachdadh a’ Bhìoball a leantainn na teagaisgean. Air an làimh eile, bidh an creideamh fìor, a tha a’ cumail ris dè tha Am Bìoball ag ràdh, do chuideachadh a fàs eòlach air Dia.