Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • fg leasan 15 ceistean 1-4
  • Carson am bu Chòir Dhut a dol air Adhart?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Carson am bu Chòir Dhut a dol air Adhart?
  • Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Stuth Coltach Ris
  • Ciamar a Dh’fhàsas Sinn Faisg ri Dia?
    Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Dè Bhiodh gad Cuideachadh a Cumail ort Am Bìoball a’ Sgrùdadh?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
  • Dia—Cò e?
    Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Ciamar as Urrainn Dhut an Deagh-Naidheachd a Co-roinneadh?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
fg leasan 15 ceistean 1-4

LEASAN 15

Carson am bu chòir dhut a dol air adhart le do sgrùdadh?

1. Ciamar am buanaich thusa bhon a’ Bhìoball?

Dà bhoireannach a’ sgrùdadh a’ Bhìobaill aig àm fois bho obair

Tha an sealladh seo air na teagaisgean bunaiteach a’ Bhìoball, air a dhèanamh an gràdh agad airson Iehòbha nas làidire, gun teagamh. Tha feum againn a bhith àiteachadh an gràdh seo daonnan. (1 Peadar 2:2) Tha an dòchas agad ann am beatha mhaireannach a’ crochadh air an taghadh a dol air adhart le do sgrùdadh agus a fàs faisg ri Dia.—Leugh Eòin 17:3; Iùdas 21.

Nuair a thig thu air adhart leis an eòlas Dhè, bidh an creideas agad a’ fàs nas làidire. Bidh do chreideas gad chuideachadh Dia a’ thoileachadh. (Eabhraidhich 11:1, 6) Gluaisidh e thu a dhèanamh aithreachas agus atharrachaidhean a tha math dhut san dòigh-beatha agad.—Leugh Gnìomhan 3:19, 20.

2. Ciamar am buanaich daoine eile bhon eòlas Dhè?

Boireannach a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia

Faodaidh tu fhaighinn càirdeas sonraichte le Iehòbha

Nuair a tha thu a’ sgrùdadh a’ Bhìoball, gu nàdarra bidh thu ag iarraidh a bruidhinn ri feadhainn eile mu dheidhinn. Nuair a tha thu a’ dol air adhart leis, ionnsaich thu ciamar a chleachdas thu a’ Bhìoball airson ag innse càch mun do chreideas anns an deagh-naidheachd agus ann an Iehòbha.—Leugh Ròmanaich 10:13-15.

Bidh a’ mhòr chuid de dhaoine a’ tòiseachadh an deagh-naidheachd a sgaoileadh le caraidean no càirdean. Gabh air do shocair, na cuir iad troimh chèile. An àite ag innse dhaibh gu bheil an creideas aca ceàrr, innis dhaibh mu na geallaidhean aig Dia. Cuimhnich gu bheil e nas fhèarr a bhith coibhneil le gnìomhan na le d’fhaclan.—Leugh 2 Timòteus 2:24, 25.

3. Dè seòrsa càirdeas dh’fhaodadh tu fhaighinn le Dia?

Bidh sgrùdadh a’ Bhìobaill gad chuideachadh a’ fàs le spioradalachd. Mu dheireadh thall, fhaodaidh tu faighinn càirdeas glè shònraichte le Iehòbha, agus a bhith na phàirt den teaghlach aig Dia gu dearbh.—Leugh 2 Corintianaich 6:18.

4. Ciamar a leanas thu air adhart?

Is urrainn dhut dol air adhart gu spioradail le leantainn do sgrùdadh a’ Bhìobaill. (Eabhraidhich 5:13, 14) Iarr air aon de Fianaisean Iehòbha sgrùdadh còmhla riut leis an leabhar What Can the Bible Teach Us? Mar as motha a ionnsaichidh tu bho Am Facal Dhè, is ann as motha gum bi thu soirbheachail san beatha agad.—Leugh Salm 1:1-3; 73:27, 28.

Fianaisean Iehòbha a’ tairgsinn Sgrùdadh sa Bhìoball

Tha deagh-naidheachd a’ tighinn bho Iehòbha, an Dia toilichte. Is urrainn dhut teann dlùth ri Dia nuair a dh’fhàsas thu dlùth ri na daoine aige. (Eabhraidhich 10:24, 25) Leis a leantainn an oidhirp agad a dhèanamh Iehòbha toilichte, tha thu a’ gabhail greim air am fìor bheatha—beatha mhaireannach. A bhith fàs dlùth ri Iehòbha, ’s e an rud as fheàrr is urrainn dhut dhèanamh gu fìrinneach.—Leugh 1 Timòteus 1:11; 6:19.

Airson barrachd fìosrachaidh, faic caibideil 18 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share