Watchtower LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Watchtower
LEABHARLANN AIR LOIDHNE
Gàidhlig
  • BÌOBALL
  • FOILLSEACHAIN
  • COINNEAMHAN
  • fg leasan 7 ceistean 1-5
  • Rìoghachd Dhè–Dè th’ ann?

Chan eil bhideo ri fhaighinn airson an taghadh seo.

Duilich, bha mearachd le lòdadh am bhideo seo.

  • Rìoghachd Dhè–Dè th’ ann?
  • Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
  • Stuth Coltach Ris
  • Rìoghachd Dhè—Dè Th’ ann?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
  • Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?
    Meal Beatha gu Bràth!—Cùrsa Bìobaill Eadar-gnìomhach
  • Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?
    An Tùr na Faire A’ Cur an cèill na Rìoghachd Iehòbha (Poblach)—2020
Deagh-Naidheachd aig Dia Dhuinn!
fg leasan 7 ceistean 1-5

LEASAN 7

Rìoghachd Dhè—Dè th’ ann?

1. Dè th’ ann an Rìoghachd Dhè?

1. Rioghachd Dhè anns na nèamhan; 2. Ìosa a’ leigheas lobhar

Carson a tha Ìosa an Rìgh as fheàrr?—MARCUS 1:40-42.

Tha an Rìoghachd Dhè riaghaltas anns na nèamhan. Bidh an Rìoghachd Dhè an àite a h-uile riaghaltas eile agus obraich i le miann Dhè anns na nèamhan agus air an talamh. ’S e naidheachd mhath a th’ ann mun a Rìoghachd Dhè. A dh’aithghearr riaraichidh an riaghaltas math seo rudan a tha dhith air mac an duine agus aonaichidh e a h-uile duine a tha fuireach air an talamh.—Leugh Daniel 2:44; Mata 6:9, 10; 24:14.

Feumaidh rìgh a bhith aig rìoghachd. Shuidhich Iehòbha a mhac, Ìosa Crìost, na Rìgh an Rìoghachd Aigesan.—Leugh Taisbeanadh 11:15.

Seall air a’ bhideo Rìoghachd Dhè–Dè th’ann?

2. Carson a tha Ìosa an Rìgh as fheàrr?

Tha Mac Dhè an Rìgh as fheàrr air sgàth’s gu bheil e coibhneil agus tha e dìleas airson ceartais (Mata 11:28-30) Cuideachd, tha e neartmhòr gu leòr airson cuideachaidh daoine a chor ’s gum bi e a’ riaghladh tharais air an talamh bho nèamh. As dèidh a dh’ èirich e suas gu na nèamhan, shuidh e sìos gus feitheamh air deas-làimh Iehòbha. (Eabhraidhich 10:12,13) Mu dheireadh thall, thug Dia cumhachd dha airson riaghladh a tòiseachadh.—Leugh Daniel 7:13, 14.

3. Cò tha dol a’ riaghladh còmhla ri Ìosa?

Riaghlaidh buidheann air ainmichear a “mhuinntir naomh” còmhla ri Ìosa anns na nèamhan. (Daniel 7:27) Bha a’ chiad mhuinntir naomh a thagh Ìosa na h-abstolan dìleas. Tha Iehòbha fhathast a’ taghadh muinntir naomh gu ruige seo, fir agus boireannaich. Mar Ìosa, tha iad air a dh’eirich le corp spioraid.—Leugh Eòin 14:1-3; 1 Corintianaich 15:42-44.

Cia mheud duine a’ dol gu na nèamhan? Thuirt Ìosa gun robh iad “threud bhig.” (Lùcas 12:32) Tha am Bìoball ag innse dhuinn gum bidh 144,000 ann agus bidh iadsan a riaghladh còmhla ri Ìosa tharais an talamh.—Leugh Taisbeanadh 14:1.

4. Dè thachair nuair a thòisich Ìosa a riaghladh?

Sgrùdadh a’ Bhìobaill

Thòisich an Rìoghachd Dhè a riaghladh ann 1914.a B’ e a’ chiad rud a rinn Ìosa na rìgh, a thilgeil Sàtan is na deamhain sìos dhan talamh. Dh’fhàs Sàtan fiadhaich is thòisich e trioblaid a dhèanamh tharais air an t-saoghal. (Taisbeanadh 12:7-10, 12) O chionn sin, tha ’n trioblaid aig mac an duine a’ fàs nas doirbhe. Tha cogaidhean, goirtean, galaran-sgaoilte is crithean-thalmhainn uile pàirt den soidhne “biodh fios agaibh gu bheil Rìoghachd Dhè faisg air làimh.”—Leugh Lùcas 21:7, 10, 11, 31.

5. Dè tha an Rìoghachd Dhè a’ coileanadh?

Le searmonachadh air feadh an t-saoghal, tha an Rìoghachd Dhè ag aonachadh sluagh mòr de dhaoine bho iomadh dùthchannan. Tha milleanan de dhaoine a’ tighinn gu bhith fo bhuaidh Ìosa. Dìonaidh an Rìoghachd Dhè iad nuair a thig an t-saoghal olcach seo gu sgrios. Bu chòir a h-uile duine ag ionnsachadh a bhith umhail fo bhuaidh Ìosa airson buannachaidh bhon Rìoghachd Dhè.—Leugh Taisbeanadh 7:9, 14, 16, 17.

Daoine fo bhuaidh na Rìoghachd Dhe anns a Phàrras

Bidh an Rìoghachd a’ coileanadh an tùs-miann aig Dia airson mac an duine, tharais air 1000 bliadhnaichean. Thig pàrras gu bhith air feadh an t-saoghal. Mu dheireadh thall, gheibh Ìosa an Rìoghachd air ais dhan Athair. (1 Corintianaich 15:24-26) An iarr thu fhèin cuid-eigin ag innse mun a Rìoghachd Dhè?—Leugh Salm 37:10, 11, 29.

Airson barrachd fìosrachaidh, faic caibideilean 8 agus 9 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

a Airson fìosrachadh fhaighinn mu ciamar a ro-dh’innis am Bìoball mun a bhliadhna 1914, faic duilleagan 217-220 den leabhar What Can the Bible Teach Us?

    Foillseachain sa Ghàidhlig (2000-2026)
    Clàraich A-mach
    Clàraich A-steach
    • Gàidhlig
    • Share
    • Roghainnean
    • Copyright © 2026 Watch Tower Bible and Tract Society of Pennsylvania
    • Terms of Use
    • Poileasaidh Prìobhaideachd
    • Privacy Settings
    • JW.ORG
    • Clàraich A-steach
    Share