LEASAN 1
Deagh-Naidheachd—Dè th’ ann?
1. Dè tha an Naidheachd aig Dia Dhuinn?
Tha Dia ag iarraidh gum bi daoine a’ còrdadh na beatha aca air an talamh. Chruthaich e an talamh agus a h-uile càil eile air sgàth’s gu bheil cùram aige dhuinn. A dh’aithgheàrr bidh Dia a’ toirt beatha nas fheàrr dhan a h-uile duine san àm ri teachd agus bheir e às a h-uile fulang.—Leugh Salm 37:11, 29.
Chan eil riaghaltas sam bith air a ghearradh a-mach fòirneart, tinneas no bàs a-riamh. Ach tha deagh-naidheachd ann. Gu goirid cuiridh Dia riaghaltas aige fhèin an àite nan riaghaltasan aig mac an duine. Mealaidh a mhuinntir beatha slàn is sìtheil.—Leugh Isaiah 25:8; 33:24; Daniel 2:44.
2. Carson a tha an deagh-naidheachd cho cudromach?
Stadaidh fulang dìreach nuair a chuireas Dia na droch dhaoine às an t-saoghal. (Sephaniah 2:3) Cuin a thachras seo? Dh’innis am facal Dhè mu na droch chuisean a tha tachairt air an talamh an-diugh agus tha seo a’ sealltainn dhuinn gu bheil an t-àm aig Dia ri cheartachadh faisg air làimh.—Leugh 2 Timòteus 3:1-5.
3. Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh?
Bu chòir dhuinn ag ionnsachadh mu Dhia bhon a’ Bhìoball, Am Facal-sa. Tha e mar litir bho athair gràdhach.Tha e ag innse dhuinn ciamar a gheibh sinn dòigh beatha nas fhèarr an-dràsta agus beatha mhaireannach san àm ri teachd. ’S e an fhìrinn a th’ann, nach bi feadhainn toilichte gu bheil thu a’ faighinn cuideachas am Bìoball a thuigsinn. Ach tha an cothrom seo airson na beatha ri thighinn ro mhath airson a leigeil seachad.—Leugh Gnàth-fhacail 29:25; Taisbeanadh 14:6, 7.